Deagh aithisg do Sgoil an t-Òib

- Air fhoillseachadh
Thug Luchd-sgrùdaidh an Fhoghlaim is a' Chùraim deagh aithisg do Bhun-sgoil is Sgoil-àraich an t-Òib anns na Hearadh, an dèidh dhaibh tadhal anns a' Ghiblean 2025.
Rinn iad moladh air a' cheannard-sgoile rè ùine agus thuirt iad gun robh an luchd-obrach a' cur deagh thaic rithe, is maith na cloinne na phrìomhachas dhaibh daonan.
Mhol iad obair an luchd-obrach cuideachd agus am fèin-mheasadh a bha iad a' dèanamh.
San aithisg aca, taobh a-muigh, bha luchd-sgrùdaidh toilichte leis an fhoghlam a bha a' chlann a' faighinn is iad ag ràdh gun robh iad dealasach.
Thuirt iad gu bheil iad a' dèanamh adhartais le litearrachd, àireamhachd agus slàinte is soirbheas an dà chuid ann am Beurla agus Gàidhlig.
Dh'iarr iad piseach a thoirt air corra rud.
Mar eisimpleir, thuirt iad gum bu chòir leantainn orra le a bhith ag ath-stèidheachadh sgoil-àraich làn-ùine a-chùm planaichean nàiseanta clann a thoirt gu fileantachd sa Ghàidhlig tro làn bhogadh.
Thàinig an aithisg air an dearbh là 's a thog luchd-sgrùdaidh an fhoghlaim draghan mu chuid de rudan aig Sgoil Sir E Scott air an Tairbeart.
Thuirt Àrd-oifigear an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall MacLeòid, gun robh e a' cur fàilte air an dà aithisg.
Thuirt e: "Tha na h-aithisgean a' togail air neartan ar sgoiltean is tha mi gu sònraichte toilichte aithne fhaicinn airson na h-obrach air leth aig Sgoil an t-Òib. Bidh sinn a' leantainn oirnn ag obair leis an sgoil gus togail air an adhartas seo."