Càineadh air ceannas Sgoil Sir E Scott

Sgoil Sir E Scott
  • Air fhoillseachadh

Fhuair aithisg Buidheann-sgrùdaidh an Fhoghlaim gu bheil piseach a dhìth air ceannas am measg eile aig Sgoil an Tairbeirt sna Hearadh.

Chaidh luchd-sgrùdaidh dhan sgaoil sa Mhàrt am-bliadhna is iad a' coimhead an dà chuid ris a' bhun-sgoil agus an àrd-sgoil.

San aithisg, taobh a-muigh aca, bha moladh aig an luchd-sgrùdaidh don dàimh eadar luchd-obrach na sgoile agus na daoine òga, a bha, thuirt iad, modhail, urramach agus math air bruidhinn.

Tha iad a' dèanamh gu math sa Ghàidhlig, ceòl agus spòrs gu h-ionadail agus gu nàiseanta.

Ge-tà, dh'aithnich luchd-sgrùdaidh ceithir roinnean a bha lag neo dìreach math gu leòr agus mhol iad gun dèan an sgoil agus Còmhairle nan Eilean Siar plana airson iad sin a leasachadh.

  • Dh'iarr iad gum bu chòir ceumannan a ghabhail le cabhag airson piseach a thoirt air ceannas na sgoile. Bhiodh seo a' toirt a-steach sgilean a neartachadh a thaobh dè tha ag obair is dè nach eil

  • Bu chòir an teagasg agus measadh foghlaim a bhith air a leasachadh. Bu chòir dàta ceart a bhith aig tidsearan is a bhith air a chleachdadh gu h-èifeachdach gus foghlam na cloinne a leasachadh

  • Bu chòir dhan ùghdarras ionadail taic a thoirt do dh'àrd-thidsearan leudachadh a thoirt air foghlam Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh is fileantaich san àrd-sgoil

  • Bu chòir don luchd-obrach uile trèanadh cunbhalach fhaighinn ann an co-ionannachd agus in-ghabhaltas

  • Bu chòir do dh'àrd-cheannardan agus luchd-obrach ro-innleachd shoilleir a bhith aca air mar as fheàrr a nithear measadh air adhartas dhaoine òga

Anns an aithisg, tha an luchd-sgrùdaidh ag ràdh gun do rinn ceannardan ath-sgrùdadh bho chionn ghoirid air prìomhachasan is amasan na sgoile.

Thuirt an luchd-sgrùdaidh gum bu chòir an t-slighe ùr a bhith mothachail air cho cudromach 's a tha a' Ghàidhlig sa choimhearsnachd, is gum bu chòir dhan sgoil seo a chleachdadh gus suidheachadh na Gàidhlig a leasachadh.

Thathar ag ràdh cuideachd gu bheil sgioba na Gàidhlig anns an sgoil ag obair gu làidir is gu dìcheallach gus leasachaidhean a dhèanamh, is gum bu chòir barrachd ùine a thoirt dhaibh 'son coinneachadh agus 'son a bhith os cionn phròiseactan.

Sgoil an Tairbeirt

A thuilleadh air ceannas, bha soirbheas (no wellbeing), co-ionannachd agus in-ghabhaltas air an comharrachadh "lag".

Thuirt an luchd-sgrùdaidh gu bheil feum aig tidsearan air tuigse nas fheàrr air na dleastanasan a th' orra a thaobh seo, is air taic a bharrachd do chloinn a tha feumach air aithneachadh, a mheasadh, is a chur an sàs.

Mhìnich an luchd-sgrùdaidh gun deach ath-sgrùdadh a dhèanamh san sgoil bho chionn ghoirid le Comhairle nan Eilean Siar is gun deach prìomhachasan a chomharrachadh.

Tha an ceannard air plana-gnìomha a chruthachadh gus na leasachaidhean seo a dhèanamh, thuirt iad, is feumaidh na ceannardan uile san sgoil "ceannas nas làidire a ghabhail gus atharrachaidhean a chur an sàs gu sgiobalta".

Tha an aithisg ag ràdh cuideachd gu bheil an ceannard fhèin air càirdeasan làidir a stèidheachadh air feadh coimhearsnachd na sgoile bho thòisich e bho chionn dà bhliadhna, is gu bheil e ag aithneachadh gu bheil feum a-nise air fòcas nas motha air ceannas nas làidire am measg nan ceannardan uile.

Cho-dhùin an luchd-sgrùdaidh gu bheil feum aig an sgoil air tuilleadh taice agus ùine airson piseach a thoirt air na laigsean air an do thog iad.

Thuirt an luchd-sgrùdaidh gun obraich iad còmhla ri Comhairle nan Eilean Siar a thaobh mar a ghabhas an suidheachadh a leasachadh, is gun till iad gus sgrùdadh ùr a dhèanamh taobh a-staigh bliadhna.

Sgoil Sir E Scott

Ann an litir gu pàrantan, thuirt an sgoil gu bheil an aithisg na "bristeadh-dùil" ach gu bheil iad "ag aithneachadh far a bheil an sgoil".

Thuirt iad gu bheil luchd-obrach mar-thà ag obair gus leasachaidhean a chur an sàs, is le taic bho Chomhairle nan Eilean Siar is a' choimhearsnachd gu bheil iad misneachail gun urrainn dhaibh piseach mòr a thoirt air cùisean.

Cuideachd Dimàirt rinn Luchd-sgrùdaidh an Fhoghlaim is a' Chùraim moladh air Bun-sgoil is Sgoil-àraich an t-Òib anns na Hearadh, às dèidh dhaibh tadhal anns a' Ghiblean 2025.

Thuirt Àrd-oifigear an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall MacLeòid, gun robh e a' cur fàilte air an dà aithisg.

"Tha na h-aithisgean a' togail air neartan ar sgoiltean is tha mi gu sònraichte toilichte aithne fhaicinn airson na h-obrach air leth aig Sgoil an t-Òib. Bidh sinn a' leantainn oirnn ag obair leis an sgoil gus togail air an adhartas seo.

"Tha mi ag aithneachadh gu bheil an aithisg aig Sir E Scott a' togail air obair mhath an sin, is seo goirid às dèidh dhan sgoil toraidhean làidir fhaighinn anns na Teisteanasan SQA.

"Tha mi a' tuigsinn cuideachd nan gnothaichean a thog luchd-sgrùdaidh agus bidh oifigich na Comhairle a' leantainn orra ag obair leis an sgoil gus leasachaidhean a dhèanamh.

"Tha an obair sin air tòiseachadh mar-thà," thuirt e.