Dà uàrd an Ospadal nan Eilean dùinte air sgàth sgapadh an noro-bhìorais

Taobh a-muigh togalaich le Western Isles Hospital, Ospadal nan Eilean sgrìobhte os cionn an dorais aghaidh. Tha rèilichean an cois cabhsair a' dol a-steach dhan togalach.
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh NHS nan Eilean Siar gun deach dàrna uàrd ann an Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh a dhùnadh do dh'euslainich ùra mar dhòigh dèiligeadh ri sgapadh an noro-bhìorais.

Thuirt iad Dihaoine a chaidh gum biodh Uàrd Lannsaireachd dùinte do dh'euslaintich ùra, agus thuirt iad Diluain gum biodh na h-aon riaghailtean a' buntainn ri Uàrd Meidigeach 2.

Tha an t-ùghdarras slàinte ag iarraidh taic a' phobaill gus bacadh a chur air sgaoileadh an noro-bhìorais, ris an canar 'galar dìobhairt a' gheamhraidh'.

Tha iad ag ràdh nach bu chòir do dhaoine tadhal air càirdean neo caraidean ann an ospadalan neo ann an dachaighean-cùraim mura bi sin riatanach, agus gu bheil seo gu sònraichte fìor ma thig comharran a' ghalair orra.

Faodaidh am bhìoras sgapadh gu math luath eadar daoine agus am measg nan comharran tha dìobhairt, a' bhuinneach, stamag goirt, ceann goirt, casan is gàirdeanan goirt agus fiabhras.

Thuirt Frances Robertson Stiùiriche AHP le NHS nan Eilean Siar: "'S e ar prìomhachas euslaintich, luchd-còmhnaidh agus luchd-obrach a dhìon agus bacadh a chur air sgapadh a' bhìorais ann an togalaichean slàinte.

"Tha sinn taingeil dhan phoball airson taic a thoirt dhuinn fhad 's a tha na cuingealachaidhean an sàs."

Tha sgioba sònraiche ag obair gus smachd fhaighinn air an t-suidheachadh.