Màl goirid: dùbhlan laghail ga mhaoidheadh

Taighean ann an CrombaTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gun tèid Comhairle na Gàidhealtachd a thoirt gu lagh mu phlana sgìrean smachdachaidh a chur an-sàs air màl goirid ann an Inbhir Nis agus sgìrean eile aig tuath.

Tha oifigich an ùghdarrais a' moladh dà sgìre den leithid - aonan airson meadhan baile Inbhir Nis, agus tèile airson a' mhòr-chuid den Ghàidhealtachd.

Thèid sin air beulaibh nam ball air Comataidh Sgìreal Inbhir Nis Diluain.

Ach tha buidheann nàiseanta a tha a' riochdachadh dhaoine a tha a' leigeil a-mach àiteachan fèin-fhrithealaidh a' maoidheadh a dhol gu lagh 's iad air dragh a nochdadh roimhe gur dòcha gum feumadh gnothachasan a th' ann mar thà cur airson cead-dealbhachaidh.

Tha sgìre smachdachaidh an-sàs mar thà ann am Bàideanach is Srath Spè, ach tha a' bhuidheann ag ràdh nach eil fianais ann gu bheil sin ag obrachadh.

"Tha seo mar thà air a dhol gu Cùirt an t-Seisein agus chaill Comhairle Bhaile Dhùn Èideann an sin is iad a' feuchainn ris an dearbh rud a dhèanamh", thuirt Fiona Chaimbeul, Àrd-Oifigear Comann Fèin-aoigheachd na h-Alba.

"Mar sin, feumaidh Comhairle na Gàidhealtachd a bhith air am faiceall nach dèan iad an aon rud.

"Tha comhairle laghail againn a tha gu math soilleir, ma dh'fheuchas iad ri seo a chur air dòigh airson ghnothachachan a th' ann mar-thà, fiù 's tron sgeama ceadachaidh, gum biodh sin mì-laghail.

"Mar sin, ma dh'fheumas sinn seo a thoirt gu lagh, tha sinn deiseal is deònach sin a dhèanamh."

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gur e amas a' phlana cothromachadh a dhèanamh eadar fàs na turasachd agus feumalachdan taigheadais ionadail, 's gur e sgìrean smachdachaidh aon dòigh am measg ghrunnan air a bheil iad a' coimhead.