Gobhlanan-taighe air dachaigh ùr a lorg air bòrd bàta-aiseig ChalMac

Nead gobhlan-taighe air bòrd bàta-aiseigTùs an deilbh, CALEDONIAN MAC A' BHRIUTHAINN
Fo-thiotal an deilbh,

Tha sgiobar a' bhàta ag ràdh nach e seo a' chiad turas a neadaich na h-eòin air bòrd

  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-siubhail annasach air an dachaigh a dhèanamh air bòrd tè de shoithichean Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn.

Seach a bhith tioram air tìr roghnaich gobhlanan-taighe an nead a thogail air an MV Loch Fyne, a bhios a' seòladh eadar Finnsinis am Muile agus Loch Àlainn sa Mhoirbhairne.

Tha eòlaichean ag ràdh gur e làrach neo-àbhaisteach a th' ann ach chan e a' chiad turas a chuala iad mun leithid.

Gu dearbha, chan e seo a' chiad turas a tha na h-eòin air neadachadh air a' bhàta-aiseig.

Thuirt an sgiobair Iain Camhsron: "Nuair a bha an Loch Fyne stèidhichte an Loch Àlainn eadar 1997-2016, b' àbhaist gobhlanan-taighe a bhith a' neadachadh air bòrd.

"Cha tàinig iad dhan t-soitheach a chaidh na h-àite, an MV Lochinvar, airson adhbhar air choireigin, ach nuair a thàinig an Loch Fyne dhachaigh am-bliadhna roghnaich na h-iseanan àlainn seo neadachadh innte uair eile."

Thuirt an t-eun-eòlaiche le NàdarAlba, Benjy Wilcock: "Bidh gobhlanan-taigh a' sgèith na mìltean mìle à Afraga a dh'Alba a h-uile bliadhna, agus 's dòcha mar sin nach eil na h-eòin a' saoilsinn cus de bhith a' dol beagan mhìltean a bharrachd air ais agus air adhart gach là."