Buill ùra do Chaidreachas Croitearachd na h-Alba

- Air fhoillseachadh
Tha ceathrar bhall ùra aig aig Caidreachas Croitearachd na h-Alba (SCF), taobh a-muigh.
'S ann à grunn diofar sgìrean a tha na stiuirichean ùra, 's iad a' toirt measgachadh de dh'eòlas agus sgilean don bhuidhinn.
Chuir an caidreachas fàilte air an leudachadh air a' bhòrd-stiùiridh aca.
B' iad Jo Hunt, Annie NicDhòmhnaill, Rob MacIlleDhuibh agus Mìcheal McGettigan a bhios a' dol air a' bhòrd-stiùiridh fad trì bliadhna, le cothrom aca sin a leudachadh gu sia bliadhna.
'S e eòlaiche eaconomach a bha ann an Jo Hunt, 's e a-nisd na chroitear faisg air Inbhir Pheofharain far a bheil e a' reic feòil is glasraich don choimhearsnachd.
Barrachd bhoireannach
Rugadh Annie NicDhòmhnaill ann am Barraigh agus às dèidh ùine a chur seachad air tìr-mòr, tha i a-nis air croit a cheannach ann an Uibhist a Deas.
Tha Rob MacIlleDhuibh às an Òban, agus eòlas gu math farsaing aige air gnìomhachasan ann an sgìrean dùthchail.
Agus tha Mìcheal McGettigan stèidhichte ann an Inbhir Theòrsa, far a bheil e air a bhith an sàs ann an obair croitearachd fad grunn bhliadhnaichean agus e cuideachd a' ruith companaidh comhairleachaidh do ghnothachasan beaga.
Thiurt cathraiche na buidhne, Ionatan Hedges, gu bheil iad air an dòigh fàilte a chur air na buill ùra, agus gu bheil fadachd orra obrachadh còmhla riutha.
Ach thuirt e cuideachd gum bu mhath leotha fhathast barrachd bhoireannach a thàladh dhan bhòrd-stiùiridh.
Tha an SCF cuideachd ag amas air riochdairean a lorg ann an Arcaibh agus Sealtainn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh25 An t-Iuchar 2023
