Lùghdachadh suas ri 23% air faraidhean Loganair às na h-eileanan

Plèana Loganair a' laighe
  • Air fhoillseachadh

Tha Loganair ag ràdh gum bi faraidhean nas saoire ri fhaotainn air na seirbheisean aca eadar Steòrnabhagh, Arcaibh agus Sealtainn is tìr-mòr.

Bidh làn dùil aig luchd-siubhail a dh'fheumas falbh gu sgiobalata air itealan Loganair gum feum iad barrachd a phàigheadh.

Fiù 's le ADS, sgeama fom faigh eileanaich faraidhean nas saoire, tha gearanan air a bhith ann mu cho cosgail 's a tha na seirbheisean adhair.

Thuirt Loganair gun do dh'èist iad ri beachdan eileanach gu h-àraid mu cho daor 's a tha e am pleana a ghabhail aig a' mhionaid mu dheireadh.

Gheall iad "gum faigh barrachd dhaoine faraidhean nas reusanta nas trice" agus gur dòcha gun tig ìsleachadh a bharrachd fhathast.

Bidh na faraidhean as fheàrr fhathast ann ma cheannaicheas luchd-siubhail ticeadan greis ro làimh, ach bidh faraidhean nas ìsle rim faighinn dhaibhsan a dh'fheumas siubhal a dh'aithghearr.

'S ann air na seirbheisean à Arcaibh is Sealtainn gu ruige Dhùn Èideann agus Glaschu a tha an lùghdachadh as motha - faisg air a' chòigeamh cuid.

Bidh ìsleachadh 14% air na ticeadan as daora à Steòrnabhagh gu Inbhir Nis, agus bidh na ticeadan as daora air seirbheisean eadar Steòrnabhagh agus Dùn Èideann is Glaschu sìos 13% agus 12% an urra.

Thuirt Àrd-oifigear Loganair, Luke Farajallah, gun robh a' chompanaidh air obair mhòr a dhèanamh agus gur e seo an crathadh a bu mhotha a thug iad air faraidhean an iomadh bliadhna.

Thuirt e: "'S e a' chiad cheum, chan e am fear mu dheireadh, agus le cosgaisean obrachaidh chan e nach eil cunnart na lùib.

"Ge-tà, tha mi cinnteach às gur e an rud ceart a dhèanamh leis gu bheil sinn airson barrachd dhaoine a bhrosnachadh a bhith a' sgèith, airson na slighean sin a chumail seasmhach agus airson cothrom a thoirt dhuinn lùghdachadh a bharrachd a thoirt air faraidhean fhathast."

Thug Mgr Farajallah rabhadh ge-tà gun robh cosgaisean ag èirigh dhaibhsan agus gu bheil iad fhathast ag iarraidh taic bho na puirt-adhair feuch daoine a bhrosnachadh am pleana a ghabhail.

A bharrachd air na sàbhalaidhean aig a' mhionaid mu dheireadh, tha Loganair air a dhèanamh nas fhasa do dhaoine siubhal nuair a tha bàs anns an teaghlach, neo ma dh'fheumas cuideigin falbh dhan ospadal.

Tha na faraidean nas reusanta rim faighinn bhon diugh a-mach, ach chan eil atharrachadh gu bhith ann air na slighean a tha fo Òrdugh Seirbheis Poblaich (PSO), nam measg seirbheis Bharraigh, Thìriodh agus Cheann Loch Chille Chiarain.