Beachdan gan sireadh air planaichean 'son Port Steòrnabhaigh

- Air fhoillseachadh
Tha Ùghdarras Port Steòrnabhaigh a' sireadh bheachdan na coimhearsnachd air na planaichean aca airson a' chala.
Thèid tachartas a chumail ann an Talla-baile Steòrnabhaigh Dimàirt an 13mh den Dàmhair eadar 12 agus 5f.
Bidh cothrom aig muinntir an àite, gnothachasan agus luchd-cleachdaidh a' chala na molaidhean as ùire fhaicinn, bruidhinn ri sgioba a' Phuirt agus na beachdan aca fhèin a chur an cèill.
Tha seo a' tighinn an dèidh a' chiad ìre dhen cho-chomhairle na bu tràithe air a' bhliadhna.
Bheir na planaichean ro-innleachd seachad airson leasachadh a' Phuirt thar na 20 bliadhna a tha romhainn.
Tha na leasachaidhean seo ag amas air taic a chumail ri feumalachan a' bhaile agus cothroman ùra a chruthachadh a thaobh na h-eaconamaidh agus na coimhearsnachd.
£3.5m 'son alt-soithich aig cala domhain Steòrnabhaigh
- Air fhoillseachadh22 Am Faoilleach
Dàil air cala domhain ùr Steòrnabhaigh
- Air fhoillseachadh21 Am Màrt 2024
Thuirt Alec MacLeòid, Ceannard Port Steòrnabhaigh: "'S e deagh chothrom a tha seo coimhead air Port Steòrnabhaigh air fad agus planaichean soilleir a chur an cèill airson na tha sinn ag iarraidh san àm ri teachd.
"Tha sinn air tòrr airgid a chosg air a' phort sna bliadhnaichean mu dheireadh agus tha sinn mar-tha a' faicinn nan cothroman a dh'fhaodas a thighinn an lùib sin.
"Ach feumaidh sinn a bhith a' coimhead air adhart.
"Nì na planaichean seo cinnteach gum bi bun-structar, goireasan agus rùm againn gus a bhith nar buannachd dha na h-eileanan.
"Sin a thuilleadh air a bhith a' coimhead air mar a ghabhas na ceanglaichean eadar am Port agus baile Steòrnabhaigh a neartachadh gus taic a chumail ri gnothachasan ionadail agus a bhith cinnteach gu bheil a h-uile duine a' faighinn buannachd às."