Corp ga lorg às dèidh iomairt-teasairginn anns A' Mhanachainn

- Air fhoillseachadh
Chaidh corp a lorg às dèidh luchd-teasairginn a bhith a' coimhead airson fireannach a chaidh a dhith bhon Mhanachainn madainn na Sàbaid.
Cha deach aithne fhoirmeil a dheanamh air fhathast ach chaidh innse do theaghlach Alasdair Fhearghasdain, 76.
Chaidh fhaicinn mu dheireadh ann an Garden Place anns A' Mhanachainn timcheall air 1.30m.
Bha na poilis air a ràdh nach do chuir e fios air a theaghlach bhon uairsin, agus nach robh sin idir àbhaisteach dha.
Thuirt iad nach eil càil amharasach mun chùis agus gun tèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.