Plana airson baile ùr an sgìre Loch Aillse a' gluasad air adhart

- Air fhoillseachadh
Fhuair am pròiseact airson taighean ùra a thogail air bruaichean Loch Dubhthaich maoineachadh airson oifigear leasachaidh fhastadh a bheir e gu ìre na h-obrach togail.
Tha Urras a' Chaoil agus Loch Aillse airson meanbh-èiceo-bhaile, mar a chanas iad fhèin ris, a stèidheachadh air dà làrach ann an Sàraig agus Ratagan a bheir cothrom do dhaoine air taigheadas aig prìs reusanta agus air taigh a thogail.
Tha Maggie Byrne bho Urras Coimhearsnachd a' Chaoil agus Loch Aillse ag ràdh gu bheil iad airson dèiligeadh ri crìonadh-sluaigh san sgìre.
Thuirt i nach bi ach triùir phàistean ann am bun-sgoil na sgìre an ath-bhliadhna an taca ri 40 bho chionn faisg air 50 bliadhna nuair a bha i fhèin a' teagasg ann.
"Tha sin a' sealltainn dhut mar a tha daoine a' falbh às an sgìre," thuirt i.
"Tha e ro dhoirbh do dh'òigridh agus do theaghlaichean taighean agus talamh fhaighinn, neo taighean as urrainn dhaibh a cheannach airson a' chosgais a tha na chois."
Fearann ga cheannach 'son baile ùr taobh Loch Dubhthaich
- Air fhoillseachadh24 An Gearran
Croitean-coille, taigheadas agus aonadan gnothachais air fàire mu Loch Dubhthaich
- Air fhoillseachadh3 An Giblean 2025
A bharrachd air taighean ùra thèid còig croitean-coille a stèidheachadh, agus bidh cuideachd dà aonad gnothachais agus gàrradh coimhearsnachd ann.
Fhuair a' bhuidheann ionadail còrr is £85,000 bho Stòras Ath-bheòthachaidh Comhairle na Gàidhealtachd a phàigheas tuarastal oifigear leasachaidh làn-ùine agus airson buidheann taigheadais a bheir taic dhaibh.
Bidh an neach sin ag obair còmhla ris an sgioba dealbhachaidh, MAKAR, a chaidh fhastadh beagan mhìosan air ais airson am pròiseact a thoirt gu ìre an tagraidh planaidh.
Tha Magaidh Byrne ag ràdh gu bheil obair mhòr ri dhèanamh fhathast ach gu bheil iad an dòchas gum bi am pròiseact air a thoirt gu buil an ceann bliadhna gu leth.
Bidh cothrom aig muinntir an àite coinneachadh ri sgioba MAKAR aig tachartas ann an Talla Coimhearsnachd Inbhir Ìonaid air an 7mh den t-Sultain.