Mac an t-Saoir ann an deagh shuidheachadh aig an Openair fhoillseachadh aig 18:48 TSB 17 An t-Iuchar
Tùs an deilbh, Getty ImagesTha Raibeart Mac an t-Saoir ann an deagh àite a' dol a-steach dhan deireadh-sheachdain aig Farpais Fhosgailte a' Ghoilf aig Royal Birkdale.
Às dèidh sgòr de 67 air a' chiad là fhuair an t-Albannach cuairt de 69 Dihaoine, ga fhàgail ceithir fo phàr son na farpais air fad.
Bha e air faighinn gu còig fo phàr ach thuit e air ais beagan às dèidh bogey air an 18mh toll.
Le dà chuairt ri dhol ge-tà tha e fhathast ann an deagh shuidheachadh is e ceithir stròcan air cùlaibh Lucas Herbert a th'aig a mhullach air ochd fo phàr.
Cuiridh e an treasamh cuairt aige gu dol aig 15:00 Disathairne, is e a' cluich còmhla ri Alex Fitzpatrick a th'air an aon sgòr ris agus a bha còmhla ris thar a' chiad dà là.
A' bruidhinn às dèidh a' chuairt thuirt Mac an t-Saoir: "Bha mi foighidneach is chùm mi smachd orm fhèin.
"Shaoil mi gur e deagh chuairt a bh'ann - cha robh càil "flashy". Fhuair mi am putt 'ud air an 17mh airson iolaire.
"Tha mi smaoineachadh gu bheil mi ann an suidheachadh fìor mhath a dol a steach dhan deireadh sheachdain. Feuchaidh mi ri cumail orm a' dèanamh an aon rud, agus gabhail ri ge-brith dè thachras."
Tùs an deilbh, Getty ImagesLucas Herbert às dèidh dha fàilnigeadh putt a chur a-steach air 18mh toll airson sgòr de 61
Bha cothrom aig eachdraidh aig an Astràlianach, Herbert, is feum aige air par air an toll mu dheireadh airson crìochnachadh le sgòr de 61 - rud nach deach a dhèanamh a-riamh roimhe ann am farpais major.
Ach, shlaod e am putt chun làimh chlì a' ciallachadh gun d' fhuair e sgòr de 62.
'S e sin an siathamh turas a tha cluicheadair air an sgòr sin fhaighinn aig farpais major.
Ach, cha robh fada ri feitheamh son an t-seachdamh turas, nuair a chuir an t-Aimeireaganach, Sam Burns, am balla a-steach bhon a bhuncair air an 18mh toll son an dearbh sgòr fhaighinn.
Tha sin ga fhàgail còig fo phàr son na farpais air fad.










