Ball-coise nam banair fhoillseachadh aig 13:06 TSB 17 An t-Iuchar 2025
Tha sgioba nan Eilean Siar co-ionnan 1-1 aig leth-ùine sa gheam aca le Eilean Mhanainn san iar-chuairt dheireannaich de dh'fharpais ball-coise nam ban.
Chaidh sgioba WIIGA air thoiseach bhon spot-peanais tro Kyla McMurdo le beagan is 30 mionaid air a' ghleoc.
Bha Eilean Mhanainn co-ionnan mu chòig mionaidean às dèidh sin ge-tà às dèidh tadhal bho Bhecky Cole.
Tha sgioba nan Eilean Siar ag amas air a dhol aon cheum nas fhaide air an turas mu dheireadh ann an Guernsey nuair a bhuannaich iad am bonn airgid.









