Eòlaichean a' deasbad mar as fheàrr a ghabhas a' mhachair a ghlèidheadh

- Air fhoillseachadh
Bidh croitearan is tuathanaich Albannach agus Èireannach am measg na thig còmhla ri rannsaichean, buidhnean-glèidhteachais agus daoine a tha an urra ri poileasaidhean ann an Uibhist is Barraigh an t-seachdain seo a bhruidhinn air mar as fheàrr a ghabhas talamh machrach a dhìon.
Tha am pròiseact Muir is Tìr a' cur air dòigh sreath thachartasan, a' tòiseachadh Dimàirt, fon bhrataich 'A' glèidheadh a' mhachair'., taobh a-muigh
'S e th' ann am Muir is Tìr ach co-bhanntachd de bhuidhnean ionadail is luchd-rannsachaidh bho dhiofar roinnean a tha ag obair còmhla feuch talamh machrach a dhìon is gus fuasglaidhean nàdarra a lorg air crìonadh chladaichean.
'S e talamh-feòir torrach a th' anns a' mhachair nach fhaighear ach an iar-thuath na h-Alba agus air taobh siar na h-Èireann.
Tha na machraichean a' cur gu mòr ri na tha de dhiofar ainmhidhean agus lusan a tha a' tighinn beò ann an aon àrainn.
Tha an dà chuid Alba agus Èirinn am measg nan dùthchannan as miosa a tha a' fulang crìonadh bith-iomadachd a thaobh nan rangan eadar-nàiseanta, taobh a-muigh. Chan eil ach 56% de bhun-nàdar na h-Alba air fhàgail.
Dragh mu chrìonadh a' chladaich aig a' Ghualain an Uibhist
- Air fhoillseachadh24 An t-Samhain 2023
Dòigh nàdarra ga lorg 'son stad a chur air crìonadh a' chladaich sna h-eileanan
- Air fhoillseachadh12 An Dùbhlachd 2024
Tha an t-èiceo-shiostam cladaich fìor chudromach do choimhearsnachdan a thaobh tèarainteachd bìdh agus teachd a-steach do thuathanaich is croitearan.
Tha a' mhachair cuideachd a' cur stad air crìonadh nan cladaichean le bhith a' neartachadh na talmhain, agus tha fianais ann gu bheil an talamh-feòir seo agus na coileagan gainmhich feumail airson càrbon a stòradh.
"Chaidh am pròiseact a chur air dòigh airson rannsachadh a dhèanamh air mar a tha an oirthir a' crìonadh, a' coimhead air an e rud nàdarra a th' ann no atharrachadh aimsire a th' ann," mhìnich Oifigear Coimhearsnachd Muir is Tìr, Màiri Anna NicFhearghais.
Tha a' bhuidheann mar-tha air rannsachadh a dhèanamh aig ìre ionadail air mar a tha cladaichean air crìonadh, is air coimhead air diofar oidhirpean thairis air na bliadhnaichean gu seo gus stad a chur.
Thog Màiri Anna air pròiseact anns na 1980an nuair a chaidh rudan mar sheann chàraichean a thiodhlacadh leis an dòchas gun lìonadh iad le gainmheach is gum fàsadh talamh is mùirean timcheall orra.

Thathar an dòchas aig co-labhairt na seachdain seo barrachd cheanglaichean a dhèanamh le buidhnean ann an Èirinn far a bheil an obair seo cuideachd a' dol air adhart, is ionnsachadh bho chàch a chèile is bho eòlaichean eile a bhios an làthair.
"Tha e uabhasach cudromach, na dùthchannan far a bheil machair, gum bi ceanglaichean againn agus gum bi sinn a' coimhead às a dhèidh," thuirt Màiri Anna.
"Tha rudan a' tighinn a-mach is a-staigh à fasan is tha tòrr airgid an-dràsta ga chosg air talamh mòna air sàillibh 's cho math 's a tha e dhan àrainneachd ma choimheadas sinn às a dhèidh.
"Tha e pailt cho cudromach coimhead às dèidh na machrach agus tha sinn an dòchas gun tig daoine - a bharrachd air na daoine a tha a' bruidhinn - is gum bi còmhraidhean againn mu dheidhinn dè bu chòir dhuinn a bhith a' dèanamh".
Bidh tachartasan, òraidean, cèilidhean agus taisbeanaidhean am measg na bhios ann gach là gu Disathairne ann an Uibhist, Barraigh is Bhatarsaigh, ag amas air barrachd ionnsachadh mun mhachair agus air fuasglaidhean airson a dhèanamh nas seasmhaiche.
Bidh cothrom aig croitearan agus tuathanaich an t-eòlas aca fhèin a thoirt seachad mu na dòighean àitich a bh' aig an sinnsearan a rinn agus a chùm na machraichean torrach gun cron a dhèanamh.