Fhuair luchd-sgrùdaidh gun do thuit sgiobair tinn na chadal ro thubaist

Bàta-iasgaich air a cliathaich san uisge agus i air na creagan.  Tha an soitheach gorm agus donn.  Tùs an deilbh, MAIB
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an Silver Cloud II air na creagan air an 14mh den Dàmhair an-uiridh

  • Air fhoillseachadh

Thuirt lùchd-sgrùdaidh thubaistean gun deach bàta-iasgaich air na creagan an dèidh mar a chaidh an sgiobair na chadal agus còir aige a bhith a' dèanamh faire air an oidhche.

Chaidh aig criutha an Silver Cloud II air faighinn aiste gun iad a bhith air an goirteachadh nuair a thàinig e air tìr faisg air Loch an Inbhir san Dàmhair an-uiridh. Chaidh an soitheach fodha an dèidh sin.

Thuirt Meur Sgrùdadh nan Tubaistean-Mara (MAIB) gun robh e coltach gun do thuit an sgiobair na chadal leis gun robh e "claoidhte", tinn le cnatan mòr air agus cha robh e air fois gu leòr a ghabhail.

San aithisg aca, taobh a-muigh, thuirt an luchd-sgrùdaidh gun robh fios aig a' chriutha dè a dhèanadh iad nan robh tubaist ann.

B' e tràlair mhuasgan-caola 49 troigh de dh'fhaid a bh' anns an Silver Cloud II agus bha i ag obair a-mach à Ullapul agus Geàrrloch air taobh siar Rois.

Chaidh i air na creagan aig Rubha Rodha aig 02:38m air a' 14mh den Dàmhair.

Chaidh an criutha - a bha nan cadal - agus an sgiobair a dhùsgadh nuair a bhuail i sna creagan agus cha b' fhada gus am faca iad gun robh mu thrì troighean de dh'uisge ann am fear de na builg agus gun robh e ag èirigh.

Cho-dhùin an sgiobair am bàta fhàgail, agus chuir an criutha orra na seacaidean-teasairginn aca mus do rinn iad às.

Thuirt an MAIB gun do thuit an sgiobair na chadal gun deòin mus do thachair an tubaist.