Caol Bhòid air a dhol sìos

- Air fhoillseachadh
Cha bhi Caol Bhòid ann am Prìomh Lìog na h-iomain an ath-sheusan 'son a' chiad turas bho 2007 is iad air a dhol sìos gu h-oifigeil air an deireadh-sheachdain.
Rinn na nàbaidhean aca Caol-Gleann a' chùis orra 1-0 ann an Clachan Ghleann Da-Ruail Disathairne - rud a bha eachdraidheil ann fhèin is seo a' chiad turas riamh a rinn Caol-Gleann a' chùis air Caol Bhòid aig ìre na ciad sgioba.
'S e Anndra MacBhiocair a chuir an tadhal cudromach.
Tha an dà phuing a' ciallachadh gu bheil cothrom fhathast aig Caol-Gleann fhèin fuireach sa Phrìomh Lìog.
Tha dà gheama aca air fhàgail - ri chèile an aghaidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich - is a h-uile coltas gum bi feum aca air rudeigin bhon dà gheama sin.
Ghabh na Sgitheanaich iad fhèin ceum mòr a dh'ionnsaigh a bhith sàbhailte nuair a rinn iad a' chùis air Cabar Fèidh 4-2 ann an Srath Pheofhair.
Chuir Dàn Dòmhnallach is Eàirdsidh Millar dà thadhal ri chèile dha na Sgitheanaich is Blair is Craig Moireasdan air an targaid 'son Cabers.
Cha robh Craig - a tha air a bhith air a ghoirteachadh 'son ùine - air a' phàirc ach gu sgiobalta 'son buille-peanais a chur dhan lìon.
Thog seo na Sgitheanaich os cionn Loch Abair san lìog.
Tha aona gheama air fhàgail aig na h-Abraich is sin an aghaidh Cheann a' Ghiùthsaich, is dùil gum bi sùil gheur acasan air na thachras anns na geamaichean eadar Caol-Gleann is na Sgitheanaich.
San Lìog Nàiseanta rinn Inbhir Aora a' chùis 4-1 air Lòbhat.
'S e 4-1 a bha ann cuideachd dha Cill Mhàilidh an aghaidh Loch Carran ann an Lìog Tuath 2.
Thog seo Cill Mhàilidh gu bàrr na lìge os cionn Camanachd Leòdhais, is chuir e às mar sin dha dòchas sam bith a bh' aig na Leòdhasaich air an tiotal.