Naidheachdan 11:00m

El Niño

Tha Oifis na Sìde ag ràdh gum faodadh an ath-bhliadhna a bhith air a' bhliadhna as teotha fhathast bho thòisich clàradh leis mar a tha siostam aimsir El Niño a' sìor fhàs anns a' Chuan Shèimh. Tha eòlaichean na h-aimsire ag ràdh gu bheil El Niño an turas seo a' fàs dhan ìre as motha bho 's cuimhne le duine.

Iasadan Riaghaltais

Dh'èirich an t-suim airgid a tha air iasad aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu £1.8 billion san Iuchar. Tha sin dà thrian nas motha na bha ann air an aon mhìos an-uiridh agus £2.3 billion os cionn na bha an OBR, an oifis air a bheil dleasdanas 'son buidseat, an dùil.

Diùc Shussex

Tha Diùc Shussex air fear de bhuidhinn dhaoine ainmeil dhan tèid innse an-diugh dè a thig orra a phàigheadh 'son cùis-lagha nach do shoirbhich an aghaidh an Daily Mail. Thuirt britheamh san Àrd-Chùirt air a' mhìos seo chaidh nach eil dearbhadh ann gun do thrus am pàipear-naidheachd fiosrachadh mun deidhinn gu mì-laghail.

An Dr Iain Kennedy

Thuirt an duine a tha a' fagail a dhreuchd a dh'aithghearr mar chathraiche air Buidheann Medigeach na h-Alba, an Dr Iain Kennedy, nach eil iongnadh sam bith air-san gun tuirt neach-saidheans a bha an sàs ann an leasachadh Ospadal Oilthigh na Banrigh Ealasaid ann an Glaschu nach deach feairt a thoirt air dragh mu shàbhailteachd nan euslainteach. Thuirt an Dr Mìcheal Bradnam gun tug esan 15 bliadhna a' togail cheistean mu fhionnarachd, siostam teas agus dealain an ospadail ach nach deach èisteachd ris. Thuirt NHS Mòr-Sgìre Ghlaschu agus Chluaidh gun do chuir iad buidheann-obrach air doigh a bheir sùil air na gearanan sin.

Oifis a' Phuist

Tha coltas gum bi an Gearasdan às aonais oifis-phuist 'son ùine leis gu bheil an oifis an sin a' dùnadh a-màireach. 'S ann taobh a-staigh bùth TG Jones a tha an oifis ach dh'innis iadsan bho chionn ghoirid gu bheil iad a' dùnadh na bùtha sin agus gum feum Oifis a' Phuist gluasad. Ach gu ruige seo tha e air failneachadh orra toglach eile fhaighinn.

Ethel Caterham

Tha boireannach Breatannach a' comharrachadh a co-là breith an-diugh aig ceud agus seachd bliadhna deug a dh'aois. Tha e coltach gur e Ethel Caterham à Lightwater ann an Surrey an neach as sine air an t-saoghal. Bidh i a' cur an là seachad còmhla ri a teaghlach agus caraidean.