Episode details

Radio nan Gàidheal,19 Nov 2026,57 mins
Stoidhlichean fuilt tro na bliadhnaichean, sreath TBh ùr mun Òban agus obair an dealbhaiche, Siobhan NicChoinnich.
Naoi gu DeichAvailable for 29 days
Tha gailearaidh ealain an Hunterian agus Taigh Mhic an Tòisich ann an Glaschu air an ùr-ainmeachadh mar thogalaichean air an tèid dìon shònraichte a chur. Tha an t-ailtire, Màrtainn Mac a’ Bhàillidh, ag innse carson. Chaochail gruagaire cho ainmeil ’s a bha ann am Breatainn na bu thràithe air a’ mhìos. An-diugh, cluinnidh sinn bho dhaoine aig a bheil cuimhne air iomadh stoidhle agus fasan gruaige thar nam bliadhnaichean. Tha sreath phrògraman ùr mun Òban a’ tòiseachadh air BBC Alba a-nochd. Tha stiùiriche an t-sreath, Calum Aonghas MacAoidh, ag innse dhuinn dè bhios ri fhaicinn air Port an Òbain. Tha an dealbhaiche-aodaich Siobhan NicChoinnich, às a’ Ghàidhealtachd, a’ dèanamh ainm dhi fhèin ann an saoghal an fhasain. ’S ise a chruthaich an deise thartain dhearg a bh’ air Stephen Libby à Steòrnabhagh nuair a choisinn e duais aig BAFTA Scotland aig an deireadh-sheachdain. Tha an dealbhaiche Màiri M. NicLeòid a’ toirt sùil air obair Shiobhan NicChoinnich.
Programme Website