Stoidhlichean fuilt tro na bliadhnaichean, sreath TBh ùr mun Òban agus obair an dealbhaiche, Siobhan NicChoinnich.
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Tha gailearaidh ealain an Hunterian agus Taigh Mhic an Tòisich ann an Glaschu air an ùr-ainmeachadh mar thogalaichean air an tèid dìon shònraichte a chur. Tha an t-ailtire, Màrtainn Mac a’ Bhàillidh, ag innse carson.
Chaochail gruagaire cho ainmeil ’s a bha ann am Breatainn na bu thràithe air a’ mhìos. An-diugh, cluinnidh sinn bho dhaoine aig a bheil cuimhne air iomadh stoidhle agus fasan gruaige thar nam bliadhnaichean.
Tha sreath phrògraman ùr mun Òban a’ tòiseachadh air BBC Alba a-nochd. Tha stiùiriche an t-sreath, Calum Aonghas MacAoidh, ag innse dhuinn dè bhios ri fhaicinn air Port an Òbain.
Tha an dealbhaiche-aodaich Siobhan NicChoinnich, às a’ Ghàidhealtachd, a’ dèanamh ainm dhi fhèin ann an saoghal an fhasain. ’S ise a chruthaich an deise thartain dhearg a bh’ air Stephen Libby à Steòrnabhagh nuair a choisinn e duais aig BAFTA Scotland aig an deireadh-sheachdain. Tha an dealbhaiche Màiri M. NicLeòid a’ toirt sùil air obair Shiobhan NicChoinnich.
Last on
Broadcasts
- Yesterday 09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Yesterday 22:55BBC Radio nan Gàidheal