Episode details

Radio nan Gàidheal,16 Nov 2026,57 mins
Colbhan naidheachd an deireadh sheachdain agus beachd air am film ùr, Ebenezer.
Naoi gu DeichAvailable for 26 days
Tha Calum Steele agus Iain MacÌomhair air a bhith a' toirt sùil air pàipearan-naidheachd an deireadh-sheachdain, 'son faicinn cò mu dheidhinn a bhathar a' sgrìobhadh. Tha e follaiseach gu bheil An Nollaig a' teannadh dlùth, ma tha Ebenezer a' togail ceann! Tha film ùr, Ebenezer, ri fhaicinn anns na taighean-dhealbh, le Johnny Depp mar phrìomh chleasaiche. Chaidh John Neil Dòmhnallach ga fhaicinn, 's e ag innse dhuinn mu dheidhinn. 'S tha sinn a' cluinntinn cuideachd mu thaisbeanadh ùr ann an Dùn Èideann mu eachdraidh nan Ròmanach ann an Alba. Tha Roman Scotland: Life on the Edge of the Empire ri fhaicinn aig Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba eadar seo agus meadhan a' Ghiblein.
Programme Website