Colbhan naidheachd an deireadh sheachdain agus beachd air am film ùr, Ebenezer.
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Tha Calum Steele agus Iain MacÌomhair air a bhith a' toirt sùil air pàipearan-naidheachd an deireadh-sheachdain, 'son faicinn cò mu dheidhinn a bhathar a' sgrìobhadh.
Tha e follaiseach gu bheil An Nollaig a' teannadh dlùth, ma tha Ebenezer a' togail ceann! Tha film ùr, Ebenezer, ri fhaicinn anns na taighean-dhealbh, le Johnny Depp mar phrìomh chleasaiche. Chaidh John Neil Dòmhnallach ga fhaicinn, 's e ag innse dhuinn mu dheidhinn.
'S tha sinn a' cluinntinn cuideachd mu thaisbeanadh ùr ann an Dùn Èideann mu eachdraidh nan Ròmanach ann an Alba. Tha Roman Scotland: Life on the Edge of the Empire ri fhaicinn aig Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba eadar seo agus meadhan a' Ghiblein.
Last on
Broadcasts
- Monday 09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Monday 22:40BBC Radio nan Gàidheal