Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,11 Nov 2026,57 mins

Clàraidhean Gàidhlig bho thasglann ann am Berlin. Cèiliche na seachdain.

Naoi gu Deich

Available for 21 days

Tha ùghdarrasan Ameireaganach den bheachd gur e buidhnean ann an Coiria a Tuath a bha air cùl mèirle de £4.7 billean de dh'airgead-criopto. Dè cho cunnartach 's a tha Coiria a Tuath mar dhùthaich? Cò shaoileadh gum biodh guthan Gàidhlig rin lorg ann an tasglann ann am Berlin? Tha an Dr Mìcheal Klevenhaus ag innse mu na fhuair e ann an Tasglann Oilthigh Humboldt, agus air Là a' Chuimhneachaidh, tha sinn a' faighinn cothrom iongantach èisteachd ri na clàraidhean sin bho phrìosanaich Gàidhealach a bh' anns a' Chiad Chogadh. Cluinnear cuideachd seinneadair Albannach a' seinn sa Ghàidhlig ann am Berlin eadar an dà chogadh. Cuideachd air Là a' Chuimhneachaidh, 's e Eachann MacCoinnich cèiliche na seachdain. 'S ann do cheann a tuath an Eilein Sgitheanaich a bhuineas Eachann agus tha e na mhinistear-feachd san arm. Bha e grunn bhliadhnaichean a' fuireach ann an Colchester ach tha e fhèin agus an teaghlach a-nise ann an Catterick ann an Siorrachd Iorc.

Programme Website
More episodes