Main content

Clàraidhean Gàidhlig bho thasglann ann am Berlin. Cèiliche na seachdain.

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.

Tha ùghdarrasan Ameireaganach den bheachd gur e buidhnean ann an Coiria a Tuath a bha air cùl mèirle de £4.7 billean de dh'airgead-criopto. Dè cho cunnartach 's a tha Coiria a Tuath mar dhùthaich?

Cò shaoileadh gum biodh guthan Gàidhlig rin lorg ann an tasglann ann am Berlin? Tha an Dr Mìcheal Klevenhaus ag innse mu na fhuair e ann an Tasglann Oilthigh Humboldt, agus air Là a' Chuimhneachaidh, tha sinn a' faighinn cothrom iongantach èisteachd ri na clàraidhean sin bho phrìosanaich Gàidhealach a bh' anns a' Chiad Chogadh. Cluinnear cuideachd seinneadair Albannach a' seinn sa Ghàidhlig ann am Berlin eadar an dà chogadh.

Cuideachd air Là a' Chuimhneachaidh, 's e Eachann MacCoinnich cèiliche na seachdain. 'S ann do cheann a tuath an Eilein Sgitheanaich a bhuineas Eachann agus tha e na mhinistear-feachd san arm. Bha e grunn bhliadhnaichean a' fuireach ann an Colchester ach tha e fhèin agus an teaghlach a-nise ann an Catterick ann an Siorrachd Iorc.

21 days left to listen

57 minutes

Broadcasts

  • Wed 11 Nov 2026 09:00
  • Wed 11 Nov 2026 22:55