Episode details

Radio nan Gàidheal,05 Nov 2026,57 mins
An iarmailt san t-Samhain, ag ionnsachadh sàbhaladh airgid dha clann, agus taighean-seinnse
Naoi gu DeichAvailable for 15 days
Bidh gu leòr againn a' togail ar sùilean gu na speuran airson Oidhche Guy Fawkes air feadh na rìoghachd - is cleasan-teine gan losgadh mar phàirt de na h-oidhcheannan. Ach a thuilleadh air na cleasan-teine, dè eile chì sinn sna speuran feadh na Samhna? Tha Dòmhnall Iain Dòmhnallach gu math dèidheil air a bhith a' cur a shùilean gu na reultan, is tha e a' toirt moladh dhuinn air na dh' fhaodadh sinn faicinn air a' mhìos sa. Cluinnidh Cathy NicDhòmhnaill cuideachd mu thuras a sgrìobhaiche Dòmhnall S Moireach a dh'Astràilia agus New Zealand. Ciamar as urrainn dhuinn làimhseachadh is ciall airgid ionnsachadh don òigridh? Air Seachdain Bruidhinn air Airgead tha an eòlaiche ionmhais Dòmhnall Màrtainn agus an neach-cunntais Sandy MacFhearghais a' toirt dhuinn an comhairle fhèin air a' chuspair. Agus dè seòrsa taigh-seinnse a tha a' còrdadh ri daoine? Le ceistean a' cuairteachadh mun aois aig am faodar òigridh a leigeil a-steach a thaighean-seinnse, tha triùir a' cagnadh air na tha iadsan a' sireadh is a' sùileachadh à deagh thaigh-seinnse.
Programme Website