Main content

An iarmailt san t-Samhain, ag ionnsachadh sàbhaladh airgid dha clann, agus taighean-seinnse

'S iomadh cuspair a tha fa chomhair Cathy NicDhòmhnaill air an Diardaoin sa. Cathy MacDonald presents on topics from the ideal pub, to the best nights for November stargazing.

Bidh gu leòr againn a' togail ar sùilean gu na speuran airson Oidhche Guy Fawkes air feadh na rìoghachd - is cleasan-teine gan losgadh mar phàirt de na h-oidhcheannan. Ach a thuilleadh air na cleasan-teine, dè eile chì sinn sna speuran feadh na Samhna? Tha Dòmhnall Iain Dòmhnallach gu math dèidheil air a bhith a' cur a shùilean gu na reultan, is tha e a' toirt moladh dhuinn air na dh' fhaodadh sinn faicinn air a' mhìos sa.

Cluinnidh Cathy NicDhòmhnaill cuideachd mu thuras a sgrìobhaiche Dòmhnall S Moireach a dh'Astràilia agus New Zealand.

Ciamar as urrainn dhuinn làimhseachadh is ciall airgid ionnsachadh don òigridh? Air Seachdain Bruidhinn air Airgead tha an eòlaiche ionmhais Dòmhnall Màrtainn agus an neach-cunntais Sandy MacFhearghais a' toirt dhuinn an comhairle fhèin air a' chuspair.

Agus dè seòrsa taigh-seinnse a tha a' còrdadh ri daoine? Le ceistean a' cuairteachadh mun aois aig am faodar òigridh a leigeil a-steach a thaighean-seinnse, tha triùir a' cagnadh air na tha iadsan a' sireadh is a' sùileachadh à deagh thaigh-seinnse.

15 days left to listen

57 minutes

Broadcasts

  • Thu 5 Nov 2026 09:00
  • Thu 5 Nov 2026 22:55