Episode details

Available for 29 days
Cothrom èisteachd ri cuid de na còmhraidhean a bh' againn air Feasgar an-diugh mu fhasan thairis air na mìosan a dh' fhalbh. Le Dior a' taisbeanadh pleataichean am-bliadhna tha Anndra MacFhionghain ag innse dhuinn barrachd mu na tha cho sònraichte mun stoidhle seo agus mar a tha i a' cur ri èididhean eadar-dhealaichte. Tha mòran bhrògan annasach air nochdadh ann an saoghal an fhasain sna mìosan mu dheireadh, eadar brògan le bailiùnaichean, feadhainn aig nach eil ach sàilean, agus paidhrichean le òrdagan òir. Ach a bheil iad seo a’ dol ceum ro fhada ann am fasan? Tha Abigail NicÌomhair agus Eilidh Daniels a’ beachdachadh air am bu chòir crìochan a bhith ann am fasan. Tha iomairt Movember a’ gabhail àite gach bliadhna anns an t-Samhain far am bi fireannaich a' togail airgid le bhith a’ fàs moustache agus iad cuideachd airson mothachadh a sgaoileadh mu shlàinte fhireannaich. Tha Niall Iain a' bruidhinn ri dithis aig a bheil moustache fad an t-siubhail, dè a' chomhairle a th' aca do dhuine sam bith a tha airson stais fhàs? Agus sùil air eachdraidh a’ chompanaidh fhasain ainmeil Burberry a tha a’ comharrachadh ceud is seachdad bliadhna bho chaidh a stèidheachadh.
Programme Website