Episode details

Available for 34 days
B’ e sreath ainmeil a bh’ ann an Soillsich dha BBC Radio nan Gàidheal. Bha Flòraidh NicIllEathain, nach maireann, a’ clàradh agus a’ cruinneachadh sgeulachdan bho air feadh na dùthcha. Chaidh a chraoladh an toiseach ann an 1999. Bha e cumanta gu leòr sgeulachdan mu mhanaidhean, taibhsean, an dàrna sealladh, sìthichean agus iomadh rud eile a chluinntinn an tac an teine, ach cha b’ e a h-uile duine a bha deònach an innse gu poblach. Seo an t-seachdamh prògram san t-sreath bho na còmhraidhean mu aislingean. Bha Flòraidh a' còmhradh ri Tormod MacLeòid às na Hearadh, Dolina NicIllinnein à ceann a Deas nan Loch ach a bha a' fuireach annn an Blàr Athall agus an t-eòlaiche-inntinn Dòmhnall MacLeòid.
Programme Website