Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,07 Oct 2026,87 mins

Am Ballon d'Or, dealbhan-camara agus taghadh taighe

Feasgar an-diugh

Available for 29 days

Tha an duais bhall-coise chliùiteach, am Ballon d'Or, a' comharrachadh trì fichead bliadhna 's a deich am-bliadhna, agus thèid ainmeachadh aig deireadh na mìosa cò a bhuannaicheas i. Chaidh a' gheàrr-liosta fhoillseachadh agus tha deichnear bho sgioba Paris Saint-Germain air an cur air adhart, còmhla ri grunn shàr-chluicheadairean eile. Tha Dòmhnall MacEanraig agus D. K. Mac a' Phì, a tha le chèile a' leantainn ball-coise gu dlùth, a' beachdachadh air cò a tha airidh air am Ballon d'Or a bhuannachadh. Chan urrainnear a h-uile dealbh-camara a thogail sa bhad. Bidh luchd-dhealbh uaireannan a' feitheamh ùine mhòr gus an dearbh dhealbh a tha iad ag iarraidh a ghlacadh. Tha Emma a' cluinntinn bho Chaluim Aonghais MhicAoidh mu na dealbhan-camara as duilghe a thog e fhèin. Agus cothrom eile èisteachd ris an taigh a thagh Patsi NicChoinnich mar an taigh far am bu mhiann leatha fuireach.

Programme Website
More episodes

Tracklist

  1. Track
    Artist
  2. 1.
    Higher Power
    Higher Power
    Coldplay
  3. 2.
    Finally Found
    Finally Found
    Honeyz
  4. 3.
    You Can't Always Get What You Want
    You Can't Always Get What You Want
    The Rolling Stones