Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,05 Oct 2026,30 mins

Eapasod 02 Manaidhean

Soillsich

Available for 31 days

B’ e sreath ainmeil a bh’ ann an Soillsich dha BBC Radio nan Gàidheal. Bha Flòraidh NicIlleathain, nach maireann, a’ clàradh is a’ cruinneachadh sgeulachdan air feadh na dùthcha. Chaidh a chraoladh an toiseach ann an 1999. Bha e cumanta gu leòr sgeulachdan mu mhanaidhean, taibhsean, an dàrna sealladh, sìthichean agus gu leòr eile a chluinntinn an tac an teine, ach cha b’ e a h-uile duine a bha deònach an innse gu poblach. Anns an dàrna prògram den t-sreath bha tuilleadh còmhraidh ann mu mhanaidhean. Anns a’ phrògram chualas Niall Mac a’ Phearsain à Barraigh, Raghnall MacEachain, aig an robh buntanas ri Beinn na Faoghla ach a bha a’ fuireach anns a’ Ghearasdan, agus a bhean Chrissie NicEachain à Uibhist a Deas; Ailean Dòmhnallach às a' Bhaile Shear; Màiri NicRuairidh à Caolas, Uibhist a Deas; Sìne Churrie à Uibhist a Deas; Lachie MacGilliosa à Staffainn; Dòmhnall Iain MacIllinnein, a bha a’ fuireach san Àth Leathann; agus Ruairidh Fearghastan à Hògha Gearraidh.

Programme Website
More episodes