Spòrscast Episodes Available now
Eileen NicDhòmhnaill a’ còmhradh ri Kerry Nic a’ Phì mun dùbhlan às ùire a tha ma coinneamh
agus cluinnear mun ath rèis mhòr air a bheil Kerry ag amas air ann an 2023 cuideachd.
Alasdair MacIllinnein le sùil air na Geamannan Oilimpigeach Geamhraidh, ball-coise nam ban 's nam fear,
gainnead rèitearan san iomain is rugbaidh le Farpais nan Sia Dùthchannan a' tòiseachadh.
An t-ionnsachadh òg; an t-ionnsachadh bòidheach, abairt a tha firinneach mu Janni NicUilleim agus an ceangal a
tha aice ri spòrs, mar a chuala Eileen NicDhòmhnaill air Spòrscast.
Iain Moireasdan le sùil air adhart gu na cuairtean deireannach aig farpais fhosgailte teanas Astràilia. Ball-coise, rugbaidh is
ball-lìn agus cluinnear bho fhear à Leòdhas a tha a' coidseadh teanas-bùird aig àrd-ìre.
Eileen NicDhòmhnaill a’ cluinntinn bho Maureen NicLeòid mu dè tha spors a’ ciallachadh dhith. A' ruith 10k agus marathon,
trèanadh aig acadamaidh teanas an Astràlia agus a coimhead Boca Juniors ann am Braisil.
Iain Moireasdan agus an sgioba le sùil air dè tha a' tachairt aig farpais fhosgailte teanas Astràilia agus farpaisean rugbaidh.
Ball-coise; farpais Cupa na h-Alba, SWPL1 agus cluinnear bho Rachel Johnstone aig Celtic.
Javen Houston agus Ruth Gòrdan le’m beachdan air na goireasan a tha ri fhaicinn ‘s ri fhaighinn air loidhne agus na meadhanan
sòisealta airson ar cuideachadh fuireachd fut is fallain, aig toiseachd bliadhna eile.
Derek MacAoidh le beachdan air ball-coise nam fear agus nam ban, snùcair, rugbaidh, teanas, Barrathon
agus Andaidh MacLeòid aig farpais Para Spòrs Sneachda na Cruinne ann an Nirribhidh.
Ailean Macleòid a’ còmhradh ri Andaidh Macleòid mu Farpais Spòrs Sneachd Para na Cruinne, a tha tachairt ann an Nirribhidh,
agus an cothrom a th’aige fhèin ‘s na farpaisean bòrdadh-sneachda
Spòrscast
Alasdair MacIllinnein agus an sgioba a’ toirt sùil air na sgeulachdan spòrs as motha