Spòrscast Episodes Episode guide
-
An urrainn do Hearts na duaisean mòra a' ghleidheadh
Iain Moireasdain agus an sgioba a' toirt sùil air spòrs is Hearts faisg air da thìotal
-
An Taobh Siar a’ buannachadh Cupa ABC, am farpais goilf fhosgailte aig An Truthail,
tuilleadh ball-coise, iomain agus an Tour de France.
-
An t-ionnsachadh òg; an t-ionnsachadh bòidheach, abairt a tha firinneach mu Janni NicUilleim agus an ceangal a
tha aice ri spòrs, mar a chuala Eileen NicDhòmhnaill air Spòrscast.
-
An iad Hearts neo Celtic a' ghleidheas tìotal na h-Alba?
Derek Moireach is an sgioba a' toirt sùil air adhart gu geam mòr eadar Celtic agus Hearts
-
An iad Celtic neo Dùn Phàrlain a' ghleidheas Cupa na h-Alba?
Iain Moireasdain is an sgioba le sùil air adhart gu geam mòr eadar Celtic is Dùn Phàrlain
-
An deireadh sheachdain mu dheireadh de dh'fharpais rugbaidh nan Sia Dùthchannan,
ball-coise nam fear agus nam ban, iomain, goilf agus rèis XC nan Eileanan an Iar.
-
Ali, Dòmhnall agus Dòmhnall Angaidh le'm beachdan
air thoiseach air farpais Euro2024!
-
Alba a' deanamh a' chuis air Croatia ann an Lìog nan Nàiseanan.
Ball-coise nam ban, golf, rugbaidh agus iomain cuideachd.
-
Alasdair, Ruairidh Alastair agus Fine Mayer
a' coimhead air adhart ri farpais EURO 2024.
-
Alasdair, Allan is Calum le sùil air adhairt chun dàrna gèam
aig Alba ann am farpais Euro2024, an aghaidh sgioba na h-Eilbheis.
-
Alasdair MacIllinnein le sùil air na Geamannan Oilimpigeach Geamhraidh, ball-coise nam ban 's nam fear,
gainnead rèitearan san iomain is rugbaidh le Farpais nan Sia Dùthchannan a' tòiseachadh.
-
Alasdair MacIllinnein le spòrs ionadail, nàiseanta
agus bho air feadh an t-saoghail.
-
Alasdair MacIllinnein is Stuart Urchadan a' còmhradh
mu staid bhall-coise na h-Alba.
-
Alasdair MacIllinnein is Allan MacLeòid aig Geamannan Eadar-nàiseanta nan Eilean
a bh' ann an Arcaibh am-bliadhna.
-
Alasdair MacIllinnein agus Derek "Pluto" Moireach
Tha na balaich a' cnuasachadh mu na cluicheadairean ball-coise dìon as fheàrr.
-
Alasdair MacIllinnein agus Derek 'Pluto' Moireach a' beachdachadh air cò an cluicheadair ball-coise
a b' fheàrr a bh' ann a-riamh ann am meadhan na pàirce.
-
Alasdair MacIllinnein agus Derek 'Pluto' Moireach
a' beachdachadh air cò an neach-gleidhidh ball-coise as fheàrr!
-
Alasdair MacIllinnein agus Ailean MacLeòid a' coimhead tro uinneagan mìosachan na Nollaig,
faic dè na sgeulachdan bho saoghal spòrs ann an 2021, a nochdas!
-
Alasdair MacIllinnein a' còmhradh ri Raonaid Kellow, a fhuair an duais Tosgaire Òg na Gàidhlig aig Duaisean na Gàidhlig 2023,
mu na cur-seachadan spòrs anns a bheil i an-sàs.
-
Alasdair MacIllinnein a' còmhradh ri Murchadh 'Mindy' MacLeòid
mu bhith a’ ruith sna beanntan agus a' leantainn sgioba ball-coise na h-Alba.
-
Alasdair MacIllinnein a' còmhradh ri Josie Burgess mu na diofar spòrsan a bhios i a' leantainn,
feadhainn às ùr nam measg, fhad 's a tha i a' siubhal timcheall Astràilia.
-
Alasdair MacIllinnein a' còmhradh ri Jo NicMhèin
mun spòrs spèileadh-surfaidh.
-
Alasdair MacIllinnein a' còmhradh ri Donaidh Forbeis agus Seumas Moireasdan
mun obair aca ann an saoghal ball-coise na h-Alba.
-
Alasdair MacIllinnein a' còmhradh ri Dòmhnall Màrtainn mun ùidh aige ann an spòrs.
Sgioba ball-coise Hearts, Speedway agus railidh Dakar.
-
Alasdair MacIllinnein a' còmhradh ri Calum MacFhearghais mun chluba ball-coise ùr aige anns A' Chòrn, Mousehole AFC
agus mu na ceanglaichean a tha e a' dèanamh eadar Gàidhlig agus Còrnais.
-
Alasdair MacIllinnein a' còmhradh ri Calum MacFheargais
mun turas aige a Chanada le iomairt FC Sonas
-
Alasdair MacIllinnein a' còmhradh ri Alasdair MacLeòid
mun ùidh aige ann an rugbaidh.
-
Alasdair MacIllinnein a' bruidhinn ri Ross Christie agus Somhairle MacIain, dithis a bhios a sreap beanntan
na h-Alba an dà chuid mar chur-seachad agus mar phàirt de na h-obraichean aca.
-
Ailig O'Henley a' bruidhinn mu bhith ag aithris air ball-coise
Ailig O'Henley a' bruidhinn ri Alasdair MacIllinnein mu bhith ag aithris air ball-coise