Main content
This programme will be available shortly after broadcast

còmhla ris an Urr Iain Fearghasdan bho 1991

Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Iain Fearghasdan (nach maireann) bho 1991. Gaelic religious service from BBC archives conducted by the late Rev John Ferguson.

Anns an t-seirbheis seo bho 1991 cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 84; 4-5 air fonn Bangor agus 's e Dòmhnall I MacIllFhinnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh
Salm 25: 4-5 air fonn Evan agus 's e Iain Aonghas Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba an Ùige, Leòdhas.

Leughadh: Luc 9: 46-52
Ceann- teagaisg: Luc 9: 62

Rugadh Iain Fearghasdan ann an Cnoc an Torrain ann an Uibhist a Tuath anns a' Mhàirt 1937. An dèidh dha an sgoil fhàgail, bha e ag obair ann an Uibhist agus air tìr-mòr, a' falbh bho obair gu obair. Aig an àm sin cha robh miann sam bith aige dreuchd sònraichte a leantainn.

Thàinig e fo bhuaidh an t-soisgeil nuair a bha dùsgadh spioradail ann an Uibhist ann an 1958 agus b' ann sa bhliadhna às dèidh sin a chaidh e gu Colaiste a' Faith Mission ann an Dùn Èideann airson trì bliadhna.

Às dèidh grunn bhliadhnaichean a chuir seachad mar shoisgeulaiche ann an Alba agus ann an Èirinn, dh'fhairich e gu robh e ga ghairm gu bhith na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba. Rinn e ullachadh ann an Colaiste Skerry agus chaidh e às an sin gu Oilthigh Ghlaschu far an d' fhuair e LTh. Thug e mach BD anns na bliadhnaichean às dèidh sin agus fhuair e urram o Cholaiste Chrìosdail Chanada nuair a rinn iad Dotair Diadhaireachd dheth ann an 1996.

Anns an Ògmhios 1973 fhuair Iain cead-searmonachaidh bho Chlèir Ghlaschu agus, anns an Dàmhair a' bhliadhna sin, ghabh e gairm bho choitheanal Chrois ann an Nis a Leòdhas far an robh e a' searmonachadh airson seachd bliadhna. Ann an 1980 ghluais e fhèin agus an teaghlach gu Port Rìgh agus bha e an sin gus an do leig e dheth uallach coitheanail ann an 2002. Rinn e fhèin is Oighrig, a bhean, an dachaigh anns a' Mhanachainn far an robh e fhathast a' searmonachadh bho àm gu àm.

Bha triùir de theaghlach aca - Iain, Gilleasbaig agus Agnes - agus an-diugh tha triùir oghaichean aca, Acacia, Elijah agus Anndra. Bha Oighrig na cùl-taic do dh'Iain fad na bliadhnaichean a bha e na mhinistear agus cuideachd às dèidh dha a dhreuchd a leigeil seachad. Chan eil fada bhon a chaidh leabhar, anns a bheil còrr is fichead de na searmoin aig Iain a chlò-bhualadh, pròiseact air an do thòisich e fhèin mus do bhàsaich e agus air na chuir Oighrig crìoch.

Bhàsaich Iain air an t-siathamh latha den Fhaoilleach 2009 agus tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh Chille Mhoire ann an Uibhist a Tuath.

Release date:

30 minutes

On radio

Sunday 21:00

Broadcast

  • Sunday 21:00