'S iad Dòmhnall Iain 'Boink' MacLeòid agus Mòrag NicLeòid cèilichean na seachdain
Coinneach Mac a' Ghobhainn air turas a Tholastadh a Chaolais son cèilichean na seachdain. Coinneach Smith is in Tolsta Chaolais in Lewis to visit this week's guests.
Tha bliadhnaichean de dh' obair agus, a-rèir aithris, còir air billean not de dh' airgead air a dhol an-sàs ann an gèam coimpiutair air a bheil fèill mhòr: Grand Theft Auto VI. Ach connspaideach is a ged a tha an t-sreath gheamannan sin air a bhith, 's ann an Alba thòisich iad. A bheil gnìomhachas nan geamannan fhathast cho mòr san dùthaich sa bha e?
Cluinnidh sinn cuideachd mu eachdraidh Basilica Naoimh Pheadair sa Ròimh.
Agus le dìreach beagan sheachdainean chun na Nollaig, tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' gabhail sgrìob a Tholastadh a Chaolais ann an Leòdhas airson dithis chèiliche an t-seachdain sa: Dòmhnall Iain 'Boink' MacLeòid, agus a bhean Mòrag NicLeòid, a tha le chèile a' ruith Oifis a' Phuist sa sgìre.
Last on
Broadcasts
- Wednesday 09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wednesday 22:55BBC Radio nan Gàidheal