còmhla ris an Urr Ruairidh I Caimbeul bhon Eaglais Shaor
Còmhla ris an Urr Ruairidh Iain Caimbeul a bha na mhinistear n Eaglais Shaor Tholastaidh. Gaelic service conducted by Rev Roddy J Cambpell, retired minister Tolsta Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 25: 4-5 air fonn Evan agus 's e Iain Eachainn MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Salm 36: 9-10 air fonn Coleshill agus 's e Iain Ailig MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Ùige an Eilein Sgitheanaich.
Salm 40: 1-2 air fonn Walsall agus 's e Calum MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois.
Leughadh: Ròmanaich 8:1-17
Ceann-teagaisg: Ròmanaich 8:1
Rugadh is thogadh Mgr Caimbeul ann am baile Lìonail ann an Nis. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd bha e na iar-mhanaidsear airson còig bliadhna deug air aon de bhùithtean a' Cho-op ann an Steòrnabhagh. Thill e air ais dhan sgìre aige fhèin às dèidh sin, far an robh e ag obair aig Comann Eachdraidh Nis airson trì bliadhna. Rinn e ceum tron Oilthigh Fhosgailte agus às dèidh sin chaidh e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann ann an 1996. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Tholastaidh bho Thuath ann an 1999 agus leig e dheth a dhreuchdann an 2021. Tha Mgr Caimbeul air tilleadh a dh’fhuireach ann an Nis agus ga chumail fhèin traing a' toirt taic do Chomunn Eachdraidh Nis.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sunday 09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sunday 15:00BBC Radio nan Gàidheal