Clann a' còcaireachd
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan le Coinneach Mac a' Ghobhainn. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Coinneach Smith.
Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn anns a' chathair an-diugh agus a' cluinntinn bho Mhàiri Anna NicFhearghais mu thachartas sònraichte a tha a' gabhail àite eadar Barraigh, Uibhist a Deas is Bhatarsaigh air a bheil Muir is Tìr: A' Glèidheadh a' Mhachair, far a bheil buidhnean à Alba agus Èirinn a' tighinn ri chèile gus deasbad a dhèanamh air na dòighean anns an gabh na machraichean againn a dhìon.
Tha an còcaire ainmeil, Jamie Oliver, a' moladh gu bheil 10 sgilean sònraichte ann a bu chòir a bhith aig clann mun àm a bhios iad 11 bliadhna a dh'aois, leithid a bhith a' bruich ugh, a' dèanamh ceapaire agus fiù 's a bhith a' dèanamh lof. Gheibh Coinneach a-mach bho thriùir phàrantan mu chomasan còcaireachd an cuid chloinne.
Thàinig leabhar ùr a-mach air a' mhìos a dh'fhalbh bho Mhàiri Livingstone, eachdraiche agus neach-teagaisg às an Òban, air a bheil An t-Òban: The People and the Place, àite far nach deach leabhar no cunntas coltach ris a dhèanamh fad còrr is 100 bliadhna. Tha Eric Mac a' Ghobhainn air a bhith a' fuireach sa bhaile fad 34 bliadhna agus tha e air an leabhar a leughadh.
Agus le slighe thoboggain ùr ga cruthachadh sa Mhonadh Ruaidh, tha Kirstie NicLeòid a' mìneachadh dhuinn dè dìreach a th' ann an toboggan.
Last on
Broadcasts
- Tuesday 09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tuesday 22:55BBC Radio nan Gàidheal