Ceòl nan ochdadan agus 'An Taobh Dorcha'
Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Emma NicLaomainn. News, chat, sport, music and entertainment with Emma Lamont.
Bidh cuid a’ cur sìos air ceòl pop is roc nan ochdadan mar cheòl a bha gu math fuadan agus an eisimeil chleasan stiùidio. Ach a bheil ceòl nan ochdadan a’ faighinn nas lugha de mheas na bu chòir? Tha dithis aig a bheil ùidh mhòr ann an ceòl còmhla ri Emma gus beachdachadh air a’ cheist sin.
Gheibhear cothrom fhathast an-diugh coinneachadh ris an ùghdar Seonaidh Charity anns a’ Chèilidh Place ann an Ulapul, far am bi e a’ bruidhinn mun leabhar ùr Gàidhlig aige, An Taobh Dorcha - leabhar a tha a’ sgrùdadh mac-meanmna agus cogais mhic an duine. Tha Emma a’ cluinntinn bho Sheonaidh fhèin mun tachartas.
Agus, mar as àbhaist Dihaoine, tha taghadh de thrì òrain againn a tha ceangailte ri sgeulachd na seachdain air Ceòl na Sgeòil, agus a chuireas crìoch air a’ phrògram.
Last on
Music Played
-
Hozier
Jackie and Wilson
- Hozier.
- Universal Music.
-
Gavin DeGraw
Soldier
- Sweeter.
- RCA.
-
La Roux
In For The Kill
- In For The Killl.
- Polydor.
- 1.
-
Sheryl Crow
Let's Get Free
- The Very Best of Sheryl Crow.
- A&M records.
- 17.
-
Christina Aguilera
Dirrty (feat. Redman)
- Dirrty.
- RCA.
- 1.
Broadcast
- Friday 12:00BBC Radio nan Gàidheal