Main content

Dè th' ann a "super-injunction"? Film ùr mu thinneas Parkinson.

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.

Tha am facal “super-injunction” air ais anns na naidheachdan, agus David Walliams air oidhirp laghail a chall gus casg a chur air ITV agus The Guardian bho bhith a' foillseachadh chasaidean na aghaidh. Ciamar a tha super-injunction ag obair, agus a bheil an suidheachadh eadar-dhealaichte ann an Alba?

Tha film ùr, Onwards and Sideways, stèidhichte air dithis a choinnicheas ann an ospadal agus iad le chèile a' fulang le tinneas Parkinson's. Tha sinn a' faighinn beachd air an fhilm, a tha ri fhaicinn a-nise anns na taighean-dhealbh. Tha sinn cuideachd a' cluinntinn mu thinneas Parkinson's bhon Dotair Eòghann Dòmhnallach agus bho Iain Stephen Moireasdan, a tha ag obair dhan bhuidheann Parkinson's UK.

Tha Maureen NicLeòid a' toirt beachd air High End: The Watch Theft Ring, a tha ri fhaicinn a-nise air Netflix. Tha e stèidhichte air tachartas fìrinneach ann an Chile ann an 2017, nuair a fhuaireadh lorg air cèis làn uaireadairean agus sheudan air leth prìseil aig port-adhair Santiago.

22 days left to listen

57 minutes

Broadcasts

  • Last Thursday 09:00
  • Last Thursday 22:55