le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Carson a tha aillse a’ tighinn air barrachd dhaoine fo aois 50? Sin an cuspair a bh’ aig Panorama air BBC1 a-raoir. Bha an Dotair Sìne Dickson a’ coimhead a’ phrògraim agus i a’ toirt a beachd fhèin air cùisean.
Tha 800 bliadhna ga chomharrachadh bhon a chaochail a naomh ainmeil, Frainseas à Assisi. Tha Ruairidh Alasdair MacIllinnein a’ toirt sùil air beatha an Naoimh Frainseis.
Tha an seinneadair Donnie Large Dòmhnallach ann an còmhradh ri Cathy mun leabhar agus mun chlàr ùr aige de dh’òrain a mhàthar. Tha Ar Baile ga chur air chois seachdain bhon a-màireach aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu.
’S tha Dolina NicIllinnein a’ toirt beachd air an dealbh-chluich The Whaler’s Wife, a tha stèidhichte ann an Arcaibh anns na 1820an. Tha an dealbh-chluich air chuairt ann an Alba an-dràsta.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Tuesday 09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tuesday 22:00BBC Radio nan Gàidheal