Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1420

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1420. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

28 days left to listen

5 minutes

Clip

Litir 1420: A' Bhanarach agus an Sealgair (1)

Bha mi ag innse dhuibh mu Dhail a’ Mhuilinn, no Dalnawillan, ann an Gallaibh. Bha Gàidhlig air a bruidhinn anns an sgìre sin fad ùine mhòr. Tha sin air a dhearbhadh leis na h-ainmean-àite. Tha a’ chuid as motha dhiubh ann an Gàidhlig.

Leis gu bheil dualchas Gàidhealach ann, tha òrain agus sgeulachdan co-cheangailte ris an àite. Nam measg tha òran a bha ainmeil am measg nan Gàidheal ann an Gallaibh. Chaidh eadar-theangachadh a dhèanamh air an òran agus bha e aithnichte ann am Beurla mar ‘Miss Calder’s Lament’. 

Tha sgeulachd co-cheangailte ris an òran. Bu mhath leam sin innse dhuibh, no geàrr-chunntas dhith co-dhiù. ’S e an t-ainm a th’ oirre ‘A’ Bhanarach agus an Sealgair’ – The Dairymaid and the Hunter.

Aig deireadh an t-siathamh linn deug, no math dh’fhaodte tràth anns an t-seachdamh linn deug, b’ e Dòmhnall MacAoidh ceann-cinnidh Clann ’ic Aoidh ann an Srath Nabhair. Bha mac aige air an robh Iain Bàn Mòr mar ainm. Chaidh Iain agus cuid de a luchd-cinnidh a-mach air a chèile gu salach. B’ fheudar do dh’Iain, a bhean agus an cuid cloinne Srath Nabhair fhàgail. Chaidh iad a dh’fhuireach ann an Gallaibh – ann an Dail a’ Mhuilinn.

Bha Iain mòr agus làidir. Bha e na shealgair air leth. Bha e cuideachd gu math cràbhach. Gach Sàbaid, bhiodh e a’ sreap gu mullach na beinne as fhaisge air Dail a’ Mhuilinn – Beinn Alasgaidh. Sheasadh e air a’ mhullach le cleòca dearg air. Chitheadh a nàbaidhean e agus thuigeadh iad gur e Latha na Sàbaid a bh’ ann – agus nach bu chòir dhaibh a bhith a’ dèanamh obair sam bith. A rèir aithris, bha Iain agus na ministearan a’ faighinn air adhart gu math.

Latha a bha seo, bha Iain a’ sealg sa mhonadh. Lorg e leanabh-gille a bha na chadal ann an lag fraoich. Shaoil Iain gun robh an leanabh air a chur ann leis na sìthichean. Bha sin airson deuchainn a dhèanamh air Iain. Dè dhèanadh e?

Bha Iain mion-eòlach air a’ Bhìoball. Chuimhnich e na briathran ann an Leabhar Mhata, Caibideil 18, rannan 3 gu 5: ‘Agus thuirt [Ìosa], “... tha mi ag ràdh ribh, mur iompaichear sibh, agus mura bi sibh mar leanaban, nach tèid sibh a-steach a rìoghachd nèimh...  Agus ge b’ e a ghabhas aon leanabh de a leithid seo nam ainm-sa, gabhaidh e mise.”’

Thog Iain an leanabh agus thug e dhachaigh e. Bha dithis nighean agus triùir mhac aige mu thràth ach cha robh sin gu diofar. Chuir e roimhe gabhail ris a’ ghille seo mar dhalta.

Nuair a bha e òg, dhearbh an gille gun robh e gu math treun agus làidir. Bha e uabhasach math air sealg, boghadaireachd agus carachd. Bha daoine a’ gabhail ‘An Gille Garbh’ air. Math dh’fhaodte gun canamaid ‘The Hefty Lad’ ann am Beurla. An Gille Garbh.

Latha a bha seo, nuair a bha an Gille Garbh na dheugaire, bha e a’ sealg sa mhonadh. Chaidh e gu bothan-àirigh. Bha clann-nighean a’ fuireach ann. Nam measg bha tè a th’ air a cuimhneachadh an-diugh mar ‘Miss Calder’. Innsidh mi dhuibh dè thachair anns an ath Litir.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Dail a’ Mhuilinn: Dalnawillan; Gallaibh: Caithness; cràbhach: devout, religious; Beinn Alasgaidh: Ben Alisky; cleòca: cloak; boghadaireachd: archery; carachd: wrestling; bothan-àirigh; shieling bothy.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Nam measg tha òran a bha ainmeil am measg nan Gàidheal: among them is a song that was famous among the Gaels; chaidh eadar-theangachadh a dhèanamh air an òran agus bha e aithnichte ann am Beurla mar: the song was translated and it was known in English as; no geàrr-chunntas dhith co-dhiù: or a shortened version of it, at least; math dh’fhaodte tràth anns an t-seachdamh linn deug: perhaps early in the 17th century; b’ e Dòmhnall MacAoidh ceann-cinnidh Clann ’ic Aoidh ann an Srath Nabhair: Donald Mackay was the chief of the Mackays in Strathnaver; chaidh Iain agus cuid de a luchd-cinnidh a-mach air a chèile gu salach: John and some of his clansfolk fell out completely; gach Sàbaid, bhiodh e a’ sreap gu mullach na beinne as fhaisge air X: every Sabbath, he would climb to the summit of the hill closest to X; chitheadh a nàbaidhean e: his neighbours would see him; nach bu chòir dhaibh a bhith a’ dèanamh obair sam bith: they shouldn’t do any work; leanabh-gille a bha na chadal ann an lag fraoich: a baby boy who was sleeping in a heathery hollow; chuimhnich e na briathran ann an Leabhar Mhata, Caibideil 18, rannan 3 gu 5: he remembered the words in Matthew Chapter 18 verses 3 to 5; mura bi sibh mar leanaban, nach tèid sibh a-steach a rìoghachd nèimh: unless you become like little children, that you will never enter the kingdom of heaven; chuir e roimhe gabhail ris a’ ghille seo mar dhalta: he decided to accept this boy as a foster-child; tè a th’ air a cuimhneachadh an-diugh mar: one [female] that is remembered today as.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Iain Bàn Mòr: Big Fair-haired John. In circumstances where two unrelated adjectives are describing an animal or person, the dimensional adjective would usually precede a colour adjective – e.g. cat mòr dubh ‘a big black cat’; cù beag crosta ‘an irascible small dog’. However, the teller of this tale was certain – the man’s name was Iain Bàn Mòr. Perhaps there was another Iain Bàn, who was known as Iain Bàn Beag.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: mur iompaichear sibh: if you will not be converted.

Broadcast

  • Sunday 13:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast