Turas càr 3000 mìle dhan Eadailt agus Fèis Film Òigridh na h-Alba
Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Emma NicLaomainn. News, chat, sport, music and entertainment with Emma Lamont.
Bho chionn ghoirid, chaidh Jack Wolf agus an càr aige air turas iongantach, a' siubhal à Steòrnabhagh dhan Eadailt airson rèis Grand Prix Formula 1 ann am Monza. Thug an turas e tro sheachd dùthchannan eadar-dhealaichte agus bha còrr is 3,000 mìle ri dhràibheadh. Tha Jack ag innse sgeulachd a thurais do dh'Emma.
Thèid Fèis Film Òigridh na h-Alba a chumail a-nochd agus a-màireach ann an Acadamaidh Phreastabhaig. Bidh Willow NicFhearghais am measg an fheadhainn a bhios a' taisbeanadh nam filmichean aca fhèin. Tha Emma a' cluinntinn bho Willow mu na tha romhpa aig an fhèis agus cò mu dheidhinn a tha am film a rinn i fhèin.
Agus, mar as àbhaist air Dihaoine, tha taghadh de thrì òrain againn a tha ceangailte ri sgeulachd na seachdain air Ceòl na Sgeòil.
Last on
Music Played
-
Galantis
Love On Me
-
Justin Bieber
Anyone
-
Lady Gaga
Hold My Hand
- Top Gun: Maverick O.S.T..
- Interscope.
-
CHVRCHES
Empty Threat
- Every Open Eye.
- Virgin.
-
Taylor Swift
Cleveland!
-
Edward Sharpe and the Magnetic Zeros
Home
- Up From Below.
- Beggars Banquet.
-
Jack Johnson
Better Together
- In Between Dreams.
- Brush Fire Records.
- 1.
Broadcast
- Friday 12:00BBC Radio nan Gàidheal