Main content

Sgeulachdan goirid is eachdraidh chofaidh

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.

Am bu chòir dhuinn ar cuid airgid a shàbhaladh ann an cunntas sàbhalaidh 'fixed rate', no feitheamh gus an atharraich cùisean agus a bhith an dùil gun tig piseach air an t-suidheachadh? Tha Dòmhnall Màrtainn, an t-eòlaiche ionmhais ga mhìneachadh.

'S e Latha Eadar-nàiseanta a' Chofaidh a th' ann an-diugh, agus cluinnidh sinn beagan mu eachdraidh a' chofaidh bho Chalum Iain Bartlett.

Tha cruinneachadh ùr de sgeulachdan goirid ga chur air bhog ann an Glaschu a-nochd fhèin le Donnchadh MacGillÌosa. Tha esan a' bruidhinn ri Cathy mun leabhar ùr seo, Ròp is Mol.

Agus tha Mark Wringe air a bhith a' leughadh Mr Siddhu's Post Office le Amman Brar, leabhar stèidhichte air rudan a thachair ann an da-rìribh - sgainneal Oifis a' Phuist agus an t-siostam coimpiutaireachd, Horizon. Gheibh sinn a-mach dè shaoil Mark dhen leabhar.

27 days left to listen

57 minutes

Last on

Thursday 22:55

Broadcasts

  • Thursday 09:00
  • Thursday 22:55