Main content

Sreath 1, Eapasod 12

Màiri Anna NicUalraig a' cur na prosbaig air sàr-ghuthan de gach seòrsa agus bho gach cultar.
Mary Ann Kennedy celebrates the most universal musical instrument: the human voice.

Tro iomadh linn agus thar gach cultar tha òrain air a bhith againn. Ach dè tha a’ toirt oirnn ar guthan a thogail agus carson a tha seinn cho mòr na pàirt de ar fèin-aithne? Thigibh ann an cuideachd Màiri Anna NicUalraig agus i a’ cur na prosbaig air an inneal-ciùil as sine agus as trice a chluinnear; an guth.

Anns gach prògram bidh i gar toirt air sgrìob tron iomadh dòigh air òran a lìbhrigeadh, a’ toirt a-steach farsaingeachd de nòsan-ciùil – bho na bliadhnaichean a dh’fhalbh suas chun an latha an diugh.

Bidh turas Màiri Anna gar toirt gu gach ceàrnaidh dhen t-saoghal ach aig crìdhe gach prògram an còmhnaidh bidh dualchas beartach nan Gàidheal.

Anns a’ phrògram seo, tha Màiri Anna a’ cur na prosbaig air òrain aig a bheil ceangal ri leabhraichean is litreachas agus cluinnear cuideachd bho sheinneadair na seachdain, Eilidh NicChoinnich.

29 days left to listen

57 minutes

On radio

Tomorrow 14:00

Broadcasts

  • Thursday 16:00
  • Today 12:00
  • Tomorrow 14:00