Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
Camhanaich
- Bu tu camhanaich air a' Chuilitheann
- 's latha suilbhir air a' Chlàraich,
- grian air a h-uilinn anns an òr-shruth
- agus ròs geal bristeadh fàire.
- Lainnir sheòl air linne ghrianaich,
- gorm a' chuain is iarmailt àr-bhuidh,
- an òg-mhadainn 'na do chuailean
- 's 'na do ghruaidhean soilleir àlainn.
- Mo leug camhanaich is oidhche
- t' aodann is do choibhneas gràdhach,
- ged tha bior glas an dòlais
- tro chliabh m' òg-mhaidne sàthte.
Camhanaich
Tha e a' coltachadh a leannain agus an gaol a tha eatarra ris a' chamhanaich, 's e sin briseadh an latha agus deireadh na h-oidhche, àm toilichte làn dòchais a tha a' gealltainn àm sona ri thighinn. Tha an Cuilithionn a' cur ris a seo: dhàsan b' e seo na beanntan as àille.
