Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
Spiorad a' Charthannais
- O Spioraid shoilleir shàr-mhaisich,
- A Spioraid ghràsmhoir chaoin
- Tha riaghladh anns an àros sin
- Tha uile làn de ghaol,
- Nan gabhamaid gu càirdeil riut,
- Gad fhàilteachadh gu caomh,
- 'S e siud a bheireadh àrdachadh
- Do nàdar chloinn nan daoin'.
- Nam b' eòl dhuinn thu nad mhaisealachd
- 'S nam b' aithne dhuinn do luach,
- 'S e siud a bheireadh inntinn dhuinn
- Os cionn an t-saoghail thruaigh;
- Gur sona iad fhuair eòlas ort,
- 'S len còmhnaich thu gu buan –
- 'S ann tromhad tha na sòlasan
- Tha 'n Tìr na Glòire shuas.
- 'S tu phàirticheadh gu h-èifeachdach
- Rinn gnè nam flaitheas àrd;
- An àite greann na h-eucorach
- Bhiodh maise 's sgèimh nan gràs;
- 'S tu sheargadh gnè na truaillidheachd
- 'S a nuadhaicheadh ar càil;
- 'S tu thogadh chum nan nèamhan sinn
- Le tarraing threun do ghràidh.
- O Spioraid chaoimh nan gràsalachd,
- Nam biodh tu tàmh nar còir,
- 'S tu dh'fhuasgladh oirnn 's a shlànaicheadh
- An dream tha cnàmh fo leòn;
- 'S tu thogadh crìdh' nam bantraichean
- Gu seinn le aiteas mòr,
- 'S nach fàgadh gu neo-choibhneil iad
- An gainntir dorch a' bhròin.
- 'S tu mhùchadh teine 'n nàmhaideis
- 'S an t-sùil as gràinde colg;
- 'S tu rèiticheadh 's a chiùinicheadh
- A' mhala bhrùideil dhorch;
- 'S tu thogadh neul na h-aingidheachd
- Bharr gnùis nan aintighearn' borb
- 'S a bheireadh gionach saidhbhreis uap'
- 'S gach aimhleas tha nan lorg.
- Ach 's eagal leam gun d' thrèig thu sinn
- 'S do nèamh gun d' theich thu suas –
- Tha daoin' air fàs cho eucorach
- 'S do ghnè-sa fada uap';
- Tha seiche ghreannach fèinealachd
- Gan eudachadh mun cuairt –
- Chan eòl dhomh aon nì reubas e
- Ach saighead Dhè nan sluagh.
- A shaoghail, 's fada tuathal thu
- On uair sin anns na thrèig
- Do charthannas is d' uaisleachd thu,
- 'S a ghabh thu Fuath is Breug;
- Mar inneal-ciùil neo-cheòlmhor dhut,
- Gun teud an òrdugh rèidh,
- Cha seinn thu pong le òrdalachd
- 'S cha deòin leat dol air ghleus.
- Gur leatsa neart nan aintighearnan
- Is gèimhlichean nan tràill;
- Gur leat guth treun nan ainneartach
- 'S guth fann an fhir tha 'n sàs;
- Gur leatsa spìd is uabharrachd
- An t-sluaigh tha 'n ionad àrd,
- 'S a mheasas cho mì-fhiùghail sinn
- Ri sgùileach air an tràigh.
- Gur leat an creideamh buaireasach
- A dhùisgeas gruaim is greann,
- An creideamh nach dèan suairce sinn
- 'S nach dèan ar n-uabhar fann;
- An creideamh th' aig na diadhairean
- Lem miann a' chòmhstri theann –
- Nan làimh-san dh'fhàs a' Chrìosdalachd
- Mar bhiast nan iomadh ceann.
- An searmonaiche prèisgeil ud,
- 'S ann dh'èigheas e le sgairt
- Gur mallaicht' sinn mur èisdear leinn
- Ra chreud-san – an tè cheart;
- An àite bhith sìor èigheach rinn
- Mur dleasdanas 's gach beart,
- A dhèanamh daoine cèillidh dhinn
- An làthair Dhè nam feart.
- O Charthannais, gur h-àlainn thu,
- A ghràis as àirde luach!
- Ach 's lìonmhor nach toir àite dhut
- Gu bràth nan cridhe cruaidh.
- Nan deònaicheadh a' cheòlraidh dhomh
- Mo chomas beòil car uair,
- Gun innsinn pàirt de ghnìomharan
- Nam biast thug dhutsa fuath.
- Cha robh do ghnè-s' an Dòmhnall bochd,
- Am fear bu rògaich goill,
- Bha 'n dùil gum biodh gach Leòdhasach
- Air fhògaradh don choill;
- Ach phàigh e pàirt de dhò-bheartan
- Is gheibh e 'n còrr a thoill –
- Gun aithnich e gu dòrainneach
- Gur feàrr a' chòir na 'n fhoill.
- Cha robh do ghnè-s' a' riaghladh
- Ann am broilleach iarainn cruaidh
- Nam bàillidhean 's nan tighearnan
- Chuir sìos an tìr mu thuath;
- Bu charthannach na fàrdaichean
- Bha seasgair, blàth innt' uair,
- 'S tha tìr nan daoine còire 'n-diugh
- Na fàsach dòbhaidh truagh.
- Gun chuir iad fo na naosgaichean
- An tìr a b' aoigheil sluagh;
- Gun bhuin iad cho neo-dhaonndachail
- Ri daoine bha cho suairc';
- A chionn nach faodte 'm bàthadh,
- Chaidh an sgànradh thar a' chuain –
- Bu mhiosa na bruid Bhàbiloin
- An càradh sin a fhuair.
- A Bhreatainn, tha e nàrach dhut,
- Ma dh'àirmhear ann do sgeul
- Gun bhuin thu cho mi-nàdarrach
- Rid fhìor-shliochd àlainn fhèin –
- An tìr bha aig na gaisgich ud
- A theasairg thu nad fheum,
- A thionndadh ga blàr-spòrsa
- Do na stròidhealaich gun bheus.
- Nach dìblidh cliù ar mòr-uaislean,
- Na fir as neònaich' mèinn –
- Carson a tha iad mòr-chùiseach,
- 'S iad beò air spòrs gun chèill?
- Nan còmhdaicheadh na ruadh-chearcan
- Lem buachar uachdar slèibh,
- 'S e siud a b' fheàrr a chòrdadh riu
- Na sràidean òir air nèamh.
- O, criothnaich measg do shòlasan.
- Fhir fhòirneirt làidir chruaidh!
- Dè 'm bàs no 'm pian a dhòirtear ort
- Airson do leòn air sluagh?
- 'S e osnaich bhròin nam bantraichean
- Tha sèid do shaidhbhries suas;
- Gach cupan fìon a dh'òlas tu,
- 'S e deòir nan ainnis truagh.
- Ged thachradh oighreachd mhòr agad
- 'S ged ghèill na slòigh fod smachd,
- Tha 'm bàs is laghan geur aige,
- 'S gum feum thu gèill da reachd;
- Siud uachdaran a dh'òrdaicheas
- Co-ionann còir gach neach,
- 'S mar oighreachd bheir e lèine dhut,
- 'S dà cheum de thalamh glas.
Spiorad a' Charthannais
Às dèidh beachdachadh air nàdar spiorad a' charthannais san fharsaingeachd, tha am bàrd a' tionndadh gu aon eisimpleir àraidh de dhìth an spioraid sin, 's e sin am bàillidh, Dòmhnall Rothach. Tha an ionnsaigh ghuineach a tha e a' toirt air an duine seo nas èifeachdaiche air sgàth a bhith a' tighinn às dèidh na feallsanachd mhoralta leis an do thòisich e ach tha na briathran agus na h-ìomhaighean cuideachd a' cur ri buaidh nan rannan seo, m.e. fìon a' bhàillidh a bhith air a dhèanamh o dheòir nan daoine bochd, an "oighreachd" aige ("lèine ... 's da cheum de thalamh glas") agus gu h-àraidh an rann nimheil mu dheireadh.
