Coimiseanadh tro mheadhan na Gàidhlig
COTHROM ÙR AIRSON FILMICHEAN FADA SA GHÀIDHLIG A LEASACHADH
Tha MG ALBA agus BBC ALBA ann an com-pàirteachas le BBC Film agus Sgrìn Alba a' sireadh bheachdan leasachaidh airson filmichean fada sa Ghàidhlig.
Tha soirbheachas agus cliù filmichean Gaeilge leithid Arracht, An Cailín Ciúin agus Kneecap air luchd-cruthachaidh fhilmichean ann am mion-chànanan a bhrosnachadh. Cuideachd, tha filmichean a choisinn cliù eadar-nàiseanta leithid The Outrun, Aftersun agus film fosglaidh Fèis Film Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann na bliadhna sa, The Incomer, air cumhachd filmichean à Alba a thaisbeanadh. Tha sinn a' sireadh soirbheachas mar sin anns a' Ghàidhlig agus mar thoiseach tòiseachaidh tha sinn airson pròiseactan Gàidhlig a leasachadh airson am faicinn ann an taighean-dhealbh.
Àrd-amas
Tha sinn a' toirt cothrom do sgrìobhadairean a tha ag obair anns a' Ghàidhlig agus aig a bheil beachdan sònraichte obair a chruthachadh airson luchd-amhairc nan taighean-dhealbh san rìoghachd agus thall-thairis. 'S e cothrom a tha seo buaidh mhaireannach a dhèanamh, agus neart na Gàidhlig a thaisbeanadh aig fèisean film air feadh an t-saoghail.
Tàlant
Tha sinn airson obrachadh leis an luchd-cruthachaidh as fheàrr a tha ag obair sa Ghàidhlig. Tha a' ghairm seo fosgailte do sgrìobhadairean aig a bheil eòlas ann an sgrìobhadh airson sgrion, àrd-ùrlair no cruthan ficsean eile. Tha sinn cuideachd a' cur fàilte air tagraidhean bho chom-pàirteachasan eadar riochdairean is sgrìobhadairean.
Cànan
Chan eil sinn a' sireadh obair a chaidh eadar-theangachadh no sgrìobhadh a chaidh a chruthachadh an toiseach sa Bheurla. Tha sgrìobhadh a tha freumhaichte anns a' Ghàidhlig deatamach dhuinn.
Bu chòir don mhòr-chuid de chòmhradh sa bheachd a bhith sa Ghàidhlig ach bheir sinn sùil air cuibhreann de chànanan eile (a' gabhail a-steach Beurla) suas ri mu 20%.
Atharrachadh
Chuireadh sinn fàilte air tionndaidhean bho litreachais, ma tha còraichean an obair tùsail agaibh. Ma thathas a' moladh stuth nach robh sa Ghàidhlig bho thùs, feumar iomradh a thoirt air mar a bhios cruth is guth Gàidhlig ag atharrachadh bunait an obair tùsail.
Gnè
Tha sinn gu sònraichte a' sireadh sgeulachdan Ghàidhlig suidhichte anns an latha an-diugh. Tha seo na chothrom do sgrìobhadairean cuspairean a' lìbhrigeadh ann an dòigh nas pearsanta agus ùr-nòsach na bhiodh comasach ann am modhan nas traidiseanta.
Coimheadaidh sinn ri sgeulachdan eachdraidheil ma tha cothrom ceangal is dàimh a thogail leotha, agus ma tha iad air an dealbh airson an lìbhrigeadh ann an cruth film fada.
Buidseat
Tha a' ghairm seo airson beachdan filmichean fada as urrainn an lìbhrigeadh air buidseat eadar £1.5 agus £2 mhillean.
Ged is e leasachadh aig ìre thràth a tha seo, bu mhath leinn beachdan no pròiseactan fhaicinn aig a bheil cothrom maoineachadh a thàladh bho chom-pàirtichean eile leithid craoladairean, buidhnean sgrion agus companaidhean-sgaoilidh.
Na thathas a' tairgsinn
• Maoineachadh leasachaidh aig ìre thràth (taic leasachaidh pàighte, mu choinneimh cruthachadh a’ chiad dreach agus ath-sgrìobhadh).
• Taic cruthachail bho MG ALBA, Sgrìn Alba, BBC Film agus eòlaichean eile bho ghnìomhachas film.
• Slighe gu tuilleadh leasachadh a dh’ionnsaigh deisealachd ro riochdachadh tro na com-pàirtichean a tha an sàs.
TAGRAIDHEAN
Cò as urrainn tagradh a dhèanamh
Gabhaidh sinn ri iarrtasan bho sgrìobhadairean Gàidhlig no com-pàirteachasan sgrìobhaidh. Tha sinn fosgailte do thagraidhean bho sgiobaidhean sgrìobhadair/riochdaire.
Na tha sinn a' sireadh
• Geàrr-chunntas den sgeulachd (mu 1,000 facal).
• CV no eachdraidh-beatha ghoirid.
• Eisimpleirean den obair agaibh ann an riochd sgrìobhte neo bhidio.
• Blasad de dhreach neo an stoidhle a tha sibh a sùileachadh airson an fhilm (Chan eil seo deatamach aig an ire-sa).
• Fios mu fheumalachdan sam bith.
• Feumaidh geàrr-chunntasan a bhith sa Ghàidhlig le eadar-theangachadh Beurla.
• Ma tha am beachd stèidhichte air obair litreachais, tha dearbhadh a dhìth gu bheil na còraichean rim faotainn.
• Chan eil beachdan a chaidh a chruthachadh le AI ceadaichte.
Cuiribh gach nì thugainn aig:
bbcalbacommissioning@bbc.co.uk ro 5f air 19 Dàmhair 2026.
Bidh pannal taghaidh ann le riochdairean bho MG ALBA, BBC ALBA, BBC Film agus Sgrìn Alba. Dh’fhaodadh iad coinneamh iarraidh gus barrachd fhaighinn a-mach mu na beachdan.
Thèid co-dhùnaidhean a' phannail mu na pròiseactan a thèid air adhart gu leasachadh pàighte an sgaoileadh air 16 Samhain 2026.
Thèid fiosrachadh a thoirt do gach tagraiche às dèidh sin.
Ma tha sgrìobhadairean soirbheachail agus gu bheil iad às aonais riochdaire mar chom-pàirtiche airson leasachadh, feuchaidh sinn ri ceangal a bhrosnachadh eadar sgrìobhadairean agus riochdairean a tha eòlach air lìbhrigeadh film.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun ghairm leasachaidh seo, cuiribh fios gu Bill MacLeòid.
CUAIRT COIMISEANAIDH PRÒGRAMAN AITHRISEACH BBC ALBA, SAMHRADH 2026/27
Tha BBC ALBA airson prògraman a lìbhrigeadh a tha brìoghmhor agus air an cuir luchd-cleachdaidh na Gàidhlig aithne is luach. Tha sinn àrd-amasach, le sealladh farsaing, agus airson ar cànan is ar cultar a thaisbeanadh le misneachd. Tha sinn a’ sireadh mholaidhean airson prògraman aithriseach cumhachdach is dàna a bhios comasach air luchd-amhairc farsaing a thàladh, a thuilleadh air beachdan cruthachail a dh’fhaodadh aithne is cliù a chosnadh.
PRÌOMHACHASAN COIMISEANAIDH – Beachdan Aithriseach
• Tha sinn a’ sireadh beachdan aithriseach a bheir buaidh, le sgeulachdan tarraingeach agus caractaran làidir.
• Chuireadh sinn fàilte air beachdan le ceangal ri maoineadairean/craoladairean eile.
• Anns a’ chuairt seo chan eil sinn a’ sireadh bheachdan mu:
- cuspairean eachdraidheil
- sreathan cur-seachad
- cuirmean-ciùil
• Thèid cuairtean coimiseanaidh fhoillseachadh airson gnèithean eile tron bhliadhna.
PRÌOMHACHASAN CLÀIR
• Tha a' chuairt seo airson beachdan a thèid a lìbhrigeadh gu BBC ALBA tro geamhradh 2026/27
• Tha sinn a’ sireadh bheachdan a tha tarraingeach ’s a ghlacas aire an luchd-amhairc aig 9f, ach a bheir buaidh air iPlayer cuideachd.
DREACH AGUS FAD
• Beachdaichidh sinn air molaidhean airson prògraman fa-leth agus sreathan goirid.
• Tha sinn sùbailte a thaobh faid nam prògraman
• Beachdaichidh sinn air prògraman aithriseach nas fhaide a dh’fhaodadh a bhith air an taisbeanadh ann an taighean-dheilbh mus nochd iad air TBh loidhneach. Thathas an dùil gun tig prògraman aithriseach mar seo le co-mhaoineachadh no gum bi plana ionmhais co-mhaoineachaidh nan cois.
CO-MHAOINEACHADH
Thèid prìomhachas a thoirt do bheachdan a tha ag amas air tuilleadh maoineachaidh bho leithid:
• Maoin Susbaint Craolaidh Alba Chruthachail
https://www.creativescotland.com/funding/funding-programmes/targeted-funding/screen
• Creideasan Cìse BFI
https://www.bfi.org.uk/supporting-uk-film/british-certification-tax-relief
• Maoin Sgrion Cruinneil BFI
TAGRAIDHEAN
Tha sinn a’ cleachdadh foirm ùr a dh’fheumas gach riochdaire a lìonadh a-steach, cuide ri beachdan sam bith – seo ceangal BBC ALBA FACTUAL COMMISSIONING ROUND SUMMER 2026/27 – Fill in form
Tha seo a bharrachd air na tagraidhean sgrìobhte a chuireas sibh gu bbcalbacommissioning@bbc.co.uk
CINN-LATHA AIRSON TAGRAIDHEAN
Ceann-latha airson beachdan: Dihaoine 22mh Cèitean 2026 aig 5f
Breithnichidh Sgioba Coimiseanaidh air na beachdan uile gu mionaideach gus geàrr-liosta den fheadhainn as freagarraiche agus as misneachaile a chruthachadh.
Thèid coinneamhan an cumail le riochdairean nam pròiseactan air a’ gheàrr-liosta. ’S e cothrom a bhios an seo sgrùdadh a dhèanamh air na tagraidhean ann am barrachd doimhneachd.
Tha sinn an dùil fiosrachadh a sgaoileadh mu ar co-dhùnaidhean coimiseanaidh ro Dihaoine 26mh Ògmhios 2026.
Bu chòir tagraidhean, foirmichean agus ceistean sam bith mun a’ Chuairt Choimiseanaidh seo a chur gu Claire NicDhòmhnaill agus Jennifer NicCoinnich aig: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk
CUAIRT COIMISEANAIDH DIDSEATACH, SAMHRADH 2026
COTHROM ÙR DIDSEATACH SA GHÀIDHLIG
Tha BBC ALBA a’ sireadh bheachdan airson sreathan ùra didseatach airson YouTube agus BBC iPlayer, ann an gnèithean aithriseach agus cur-seachad, a tha ag amas air luchd-amhairc aois 18–24.
Le barrachd roghainn na bh’ ann a-riamh, tha e deatamach gum bi an t-susbaint seo a’ seasamh a-mach air ùrlaran didseatach. Bu chòir do bheachdan a bhith a’ faireachdainn ùr-nosach, dàna agus sònraichte ann an cuspair, stoidhle agus aithris, agus air an làimhseachadh bho shealladh òg.
Bu chòir do bheachdan a bhith a’ faireachdainn fìor agus a’ sealltainn mar a bhios Gàidheil òga beò san latha an-diugh ann an suidhichidhean dùthchail, bailteil agus ann an dùthaich sam bith.
Tha sinn a’ coimhead airson sreathan goirid le prògraman mu 8–15 mionaidean a dh’fhaid, air an cruthachadh gu sònraichte airson BBC ALBA YouTube agus BBC iPlayer.
Smaoinichibh air sreathan a dh’fhaodadh tilleadh, a tha tarraingeach le adhbhar soilleir airson luchd-amhairc a ghreimeachadh. Bu chòir dhaibh a bhith sgiobalta, dathteach agus misneachail, le blàths, innleachdas agus pearsantachd aig a’ chridhe (smaoinich air sreathan leithid Somhairle Spins agus Rudan Beaga Bòidheach le Niamh Mackinnon).
Tha ùidh shònraichte againn ann an sreathan le luchd-cruthachaidh Gàidhlig, aig a bheil luchd-leantainn air-loidhne mu thràth.
Tha sinn dealasach a thaobh tàlant Gàidhlig a leasachadh air agus air cùl an sgrìon, agus tha dearbh-aithne chultarail agus cànain riatanach. Bu chòir dhan Ghàidhlig a bhith a’ faireachdainn nàdarrach, misneachail agus ùr-nòsach. Tha dùil gum bi Gàidhlig acasan a bhios anns na prìomh dhreuchdan anns an criutha, far a bheil sin comasach.
CUSPAIREAN
Tha sinn fosgailte do raon farsaing de chuspairean, ach tha ùidh shònraichte againn ann am beachdan a bheir luach soilleir don luchd-amhairc agus a bhrosnaicheas com-pàirteachadh, còmhradh no ceangal. Dh’fhaodadh beachdan a bhith air aon no cuid dhe na roinnean gu h-ìosal:
• Toileachas agus Togail Às
Susbaint a tha spòrsail, dathteach agus a leigeas le luchd-amhairc òg ‘switch off’ a dhèanamh.
• Beatha is fèin-aithne
Sgeulachdan a tha freumhaichte ann am beatha làitheil, plòidh, dàimhean agus eòlas pearsanta - a’ sealltainn mar a bhios daoine òga a’ làimhseachadh cànan, cultar, obair, cruthachalachd agus buinteanas.
• Ionnsachadh, iongantas & cothrom “gìceireachd” a dhèanamh
Beachdan ruigsinneach, aotrom a leigeas le daoine rudeigin ùr ionnsachadh - sgilean, raointean beatha sònraichte, fo-chultaran no seallaidhean eadar-dhealaichte, ann an dòigh spòrsail, pearsanta.
• Coimhearsnachd & ceangal
Susbaint a tha a’ brosnachadh com-pàirteachadh, agus còmhradh air nam meadhanan sòisealta; a’ brosnachadh dhaoine gus beachd a thoirt seachad le ceangal gum beatha fhèin agus an cuid caraidean.
• Beatha inbhich òga
Sgeulachdan air an lìbhrigeadh no a’ taisbeanadh beatha dhaoine òga agus mar a tha iad a’ dèiligeadh le obair làitheil, airgead, fèin-aithne no cruthachas – bu chòir seo a bhith stèidhichte air eòlas pearsanta agus air a thoirt seachad le blàths, plòidh agus lèirsinn.
Chan eil sinn a’ coimhead airson cruthan TBh no modalan riochdachaidh traidiseanta. Bidh beachdan soirbheachail comasach an coileanadh air buidseatan didseatach, bidh stoidhle lèirsinneach, làidir aca agus bidh iad a’ tabhann susbaint ioma-ùrlar airson am brannd aca a bhith air ùrlaran BBC ALBA.
Bu chòir dhan a’ Ghàidhlig a bhith na prìomh cànan air an sgrìon ged a tha measgachadh cànain ceadaichte.
MAOINEACHADH
Bidh buidseat mu £1k gach mionaid agus bhiodh dùil gum biodh riochdairean a’ dealbh phlanaichean dha rèir, no ag obair le luchd-maoineachaidh eile gus am buidseat riochdachaidh iomlan a mheudachadh. Maoineadairean leithid, Alba Chruthachail https://www.creativescotland.com/funding/funding-programmes/targeted-funding/screen
TAGRAIDHEAN
Tha sinn a’ cleachdadh foirm ùr a dh’fheumas gach riochdaire a lionadh a-steach, cuide ri beachdan sam bith – seo ceangal.
Tha seo a bharrachd air na tagraidhean sgrìobhte a chuireas sibh gu bbcalbacommissioning@bbc.co.uk
CINN-LATHA AIRSON TAGRAIDHEAN
Ceann-latha airson beachdan: Dihaoine 22mh Cèitean 2026 aig 5f
Breithnichidh Sgioba Coimiseanaidh air na beachdan uile gu mionaideach gus geàrr-liosta den fheadhainn is freagarraich agus is misneachail a chruthachadh.
Thèid coinneamhan an cùmail le riochdairean nam pròiseactan air a’ gheàrr-liosta. ’S e cothrom a bhios an seo sgrùdadh a dhèanamh air na tagraidhean ann am barrachd doimhneachd.
Tha sinn an dùil fiosrachadh a sgaoileadh mu ar co-dhùnaidhean coimiseanaidh ro Dihaoine 26mh Ògmhios 2026.
Bu chòir tagraidhean, foirmichean agus ceistean sam bith mun a’ Chuairt Choimiseanaidh seo a chur gu Claire NicDhòmhnaill agus Jennifer NicCoinnich aig: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk
Cò Sinn?
- Ceannard Craoladh Gàidhlig & Caidreachas: Mairead Mairi Mhoireach
- Stiùiriche Leasachadh Susbaint: Mairead Chamshron
- Deasaiche Coimiseanaidh: Uilleam MacLeòid
- Neach-coimiseanaidh: Fiona NicChoinnich
- Neach-coimiseanaidh: Calum McConnell